Home > Event > Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2023: Cuir Loidhne ris

Green square with Scottish Book Trust, Book Week Scotland and dates in black, with a black boot print, and the title"Our adventure begins here."

Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2023: Cuir Loidhne ris

Thèid bàrdachd “Cuir loidhne ris” air cuspair Dàna-thuras a chur ri chèile ann an Cafaidh Thaigh Chearsabhaigh air Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2023.  Tha sinn gur fiathachadh loidhne a chur ri bàrdachd fhada, leantainneach a dh’fhàsas tron t-seachdain.  Thèid an cruinneachadh faclan againn a chur ri chèile ann am bàrdachd “Dàna-thuras” a thèid a leughadh air feasgar Dhiardaoin aig ‘Into the Wild’ le Ian Stephen.

Mar phàirt de Sheachdain Leabhraichean na h-Alba, a’ comharrachadh Dàna-thuras anns a h-uile seagh.  

Tha cuspair Dàna-thuras a’ ceangal le taisbeanadh Hiort Bhiortail againn, a tha a’ leigeil le inbhich is clann dàna-thuras fheuchainn, le bhith a’ tadhal air an eilean iomallach seo tro fhìorachd bhiortail.  Tha cuideachd taisbeanadh ann le dealbhan bho Mhìcheal Faint agus bàrdachd le Steve Ely, a’ sgrùdadh eilean-mara Orasaigh, far nach eil duine a’ fuireach, far costa an iar Uibhist a Deas.

Thoiribh sùil air na tachartasan an-asgaidh eile a th’ againn air Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2023: 

Dimàirt 14 Samhain, Cafe Leabhraichean

Diardaoin 16 Samhain, Into the Wild: Bàrdachd agus Sgeulachdan le Ian Stephen

Dihaoine 17 Samhain, Dàna-thusan beag is mòr: Bùth-obrach sgrìobhaidh le Ian Stephen

Disathairne 18 Samhain, A’ coimhead oirnn fhèin