Home > Event > Sgrìneadh Film YOUNG PLATO

Sgrìneadh Film YOUNG PLATO

An dèidh nochdadh YOUNG PLATO, tha e na thoileachas mòr do Thaigh Chearsabhagh taisbeanadh den mhìr dhrùidhteach is tharraingeach seo a le Neasa Ní Chianáin agus Déaglán Mac Craith a chumail.

Is a e na aithriseachd bheachdail stèidhichte ann an Àird Dùin Bheul Feirste an dèidh na strì, far a bheil coimhearsnachd iomallach den chlas-obrach air a bhith a’ fulang bochdainn, dhrugaichean agus ghunnaichean fad ùineachan. Tha am film a’ nochdadh aisling a’ Chinn-sgoile Caoimhin MacIlleRiabhaich agus an sgioba dhìcheallaich bheachdail aige, a’ leigeil fhaicinn mar a dh’fhaodas breithneachadh agus cùram cumhachd is misneachd a thoirt do chloinn a bhith a’ faicinn thar crìochan na coimhearsnachd aca fhèin. Tha sinn a’ faicinn mar a bheir feallsanachd brosnachadh dhaibh na seanchasan an lùib eachdraidh is ainneirt a cheasnachadh agus dùbhlan a thoirt uaireannan air na sgeulachdan a bhios na pàrantan, na seisean agus a’ bhuidheann dham buin iad a’ sgaoileadh.

Nach tig thu còmhla rinn ann an Talla Chàirinis airson an taisbeanaidh shònraichte seo de YOUNG PLATO. Faodaidh do na tiogaidean agad a chur an dara taobh gu h-ìseal, le ìre bheag dhiubh rim faotainn aig an doras.

Tha Neasa Ní Chianáín, an stiùiriche, air aonan de dh’eòlaichean stèidhichte na h-Èireann a thaobh aithriseachd. Rinn Neasa ullachadh ann an Colaiste Nàiseanta Ealain is Dealbhaidh Bhaile Àtha Cliath, agus dh’obraich i Mar Stiùiriche-ealain air a ceann fhèin air pròiseactan fheartan film is telebhisein ann an Èirinn, gus an deach i an sàs ann an aithriseachd ann an 2001. Tha i air 9 aithriseachdan fa leth (4 air faid feart) agus aon sreath air telebhisean a stiùireadh. 

Rinn Déaglán Mac Craith riochdachadh is stiùireadh air Lomax in Éirinn (2018, TG4) a nochd an toiseach aig Fleadh Fhilmichean na Gaillimhe san Iuchar 2018 agus a chaidh a thaisbeanadh aig IFI mar chuid den t-sreath Èirinn air an Sgàilean aige. Gu ruige seo, thathar air a thaisbeanadh gu poblach agus aig fèisean ann an New York, Washington, Alberta, Montreal, Clones, Liverpool, Wurzberg (sa Ghearmailt), Huston agus Seattle. Chaidh ainmeachadh mar an Aithriseachd-ealain as Fheàrr ann an duaisean Fèis nam Meadhanan Ceilteach ann an 201