Home > Event > Slighe Mhuc-mara Innse Gall: Trèanadh ann an Aithneachadh Seòrsaichean is Whale Track + Faire bho Rubha

Underwater photo of a whale swimming in a turquoise sea.

Slighe Mhuc-mara Innse Gall: Trèanadh ann an Aithneachadh Seòrsaichean is Whale Track + Faire bho Rubha

Thigibh còmhla ri Caroline bho Urras Mhuc-mara nan Eilean, airson trèanadh fhaighinn air na diofar seòrsaichean muc-mara, leumadairean agus peileagan a tha rim faicinn air costa an iar na h-Alba.  Gheibh sibh trèanadh ceum air cheum air mar as urrainn dhuibh an app Citizen Science Whale Track againn a chleachdadh, airson seallaidhean de bheathaichean aithneachadh agus an clàradh, agus molaidhean airson seallaidhean fhaighinn.  ’S urrainn dhuibh an uair sin na sgilean agaibh a chur gu feum le cuairt air a stiùireadh timcheall rubha aig tràigh Bhaile Raghnaill.

Bidh an trèanadh air aithneachadh seòrsaichean bheathaichan a’ gabhail àite aig Taigh Chearsabhagh bho 2f – 3.30f.  Bidh cothrom ann an uair sin a dhol air faire ann am Baile Raghnaill bho 4f.

Bidh na tachartasan seo an-asgaidh ach ’s urrainn dhuibh tabhartas taic-airgid a thoirt do dh’Urras Mhuc-mara nan Eilean an seo:  https://hwdt.org/donate-1 

Bidh Caroline Willis bho Urras Mhuc-mara nan Eilean cuideachd a’ bruidhinn aig A Gathering of Air and Sea ann an Talla Hòstadh air Diathairne 16 Sultain. 

Tha na tachartasan seo mar phàirt de shreath thachartasan a’ gabhail àite thairis air an deireadh seachdain, co-cheangailte ri taisbeanadh On Sonorous Seas aig Mhairi Killin, ann an Gailearaidh 2 ann an Taigh Chearsabhagh.

Dihaoine 15 Sultain: An saideans air cùlaibh On Sonorous Seas, le Urras Mhuc-mara nan Eilean, Taigh Chearsabhagh, 7f

Disathairne 16 Sultain: A Gathering of Sea and Air, Talla Hòstadh, 6f

Là na Sàbaid 17 Sultain: Slighe Mhuc-mara Innse Gall: Trèanadh ann an Aithneachadh Seòrsaichean is Whale Track + Faire bho Rubha, Taigh Chearsabhagh + Baile Raghnaill, 2-5f