Home > Event > Slighean nan Eun

Image by Xavi Bou of a flight trajectory of birds spiralling above a calm sea.

Slighean nan Eun

Tha na dealbhan san taisbeanadh seo mar thoradh air muinntireas ealain a ghabh Xavi Bou ann an Uibhist, bho 26 Giblean gu 3 Cèitean 2022, air fhiathachadh le Taigh Chearsabhagh, a bharrachd air ìomhaighean eile a chaidh an dèanamh ann an Alba air an aon bhliadhna sin.

Thigibh còmhla rinn ann an Taigh Chearsabhagh airson a’ chiad sealladh air Slighean nan Eun, air Disathairne 6 Cèitean, aig 3f. Bidh Xavi a’ bruidhinn gu sonraichte le fios mu dheidhinn na doighean obrach aige. Bidh fàilte blàth romhaibh. 

Tha Xavi Bou air a bhith ag obair air pròiseact Ornitografias bho 2015, a tha ag amas air slighe nan eun a thoirt am follais ann an aon ìomhaigh, ann an dòigh annasach.  Dh’fhaodar a ràdh gur e chronophotography a th’ anns an dòigh-obrach seo, bhon a tha e a’ toirt sreath de dh’ìomhaighean còmhla ann an aonan, coltach ri sgrùdaidhean gluasad bhon 19mh linn.  Tha an dòigh-obrach sònraichte air Xaxi a’ ciallachadh gu feum e itealaich nan eun a chlàradh le camara cine agus an uairsin an cur còmhla an dèidh làimhe.

Fhad ’s a bha e ann an Alba, chaidh aig Xavi measgachadh de dh’itealaich a chlàradh, bho dhàibheadh nan sùlairean, gu itealaich nan curracag air gheàrd, no gleadhraich suirghe nan naosg air iteag.

Tha cruth-tìre sìmplidh nan eilean seo a’ freagairt gu math le beachd Xavi gur e an t-adhar an canabhas agus gu bheil na h-èoin a’ dèanamh dealbh air.

Tha an taisbeanadh an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine bho 10m-4f, Diluain gu Disathairne, ann an Gailearaidh 1 aig Taigh Chearsabhagh.  Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Còir-deilbhe: Xavi Bou.