Tha an taisbeanadh le Shona Illingworth, Speuran Bacte, a’ toirt còmhla saothair air an do chuir i crìoch air mhuinntireas Seachange aig Taigh Chearsabhagh ann an 2012, le obair-tharraing, dealbhadaireachd, mapaichean is bhideothan a tha a’ nochdadh a cuid rannsachaidh air atharrachaidhean poilitigeach, armailteach, àrainneachail agus teicneòlach a’ dol air adhart anns na speuran os ar cionn.
Tha sreath Topologies of Air Blueprint leatha (2012), a’ fighe sgrùdadh airsealladh èic-eòlach, cultarail is eachdraidheil air an àile agus siostaman sìde a’ Chuain Mhòir a Tuath leis an leasachadh a thathar a’ moladh gum bi na h-Eileanan Siar a’ cruthachadh tòrr ‘èic-lùth’ agus cleachdadh nan nithean seo mar ghoireas eaconamach. Tha an obair-teacsa air balla Sanitised Airspace leatha (2012 – a’ dol air adhart fad na tìde) a’ toirt liostaichean de shiostaman bhall-cogaidh san adhar a chleachdas ainmean is briathran ceangailte gus an comas sgriosail aca a chumail am falach, agus thathar air deuchainn a chur air mòran dhiubh ann an Rainse nan Eilean. Nam measg seo Scan-Eagle, Raven, Tornado, Merlin agus Storm Shadow. Tha na h-obraichean seo gan taisbeanadh còmhla ri taghadh de shaothair ùr air a coimiseanadh le Taigh-taisbeanaidh Ealain an Latha An-diugh Power Plant ann an Toronto, agus nam measg Restricted Airspace #8, à sreath dealbhadaireachd a dh’fheuchas ri tuineachadh nan speuran a chur am follais tro chlàradh mionaideach nan raointean mòra de speuran na cruinne far a bheil bacadh is smachd armailteach, cho math ri Restricted Airspace – No Fly Zones (2022), a tha, an aghaidh sin, a-mach air an àireamh bheag de bhacaidhean sealach air cleachdadh nan speuran gus saoranaich air an talamh a dhìon. Tha Airspace Tribunal #3 (2021 – a’ dol air adhart fad na tìde), na obair-bhideo stèidhichte air an tribiunal air a bheil an t-ainm sin, fòram poblach eadar-nàiseanta a stèidhich an neach-ealain ann an 2018 leis an eòlaiche air còraichean daonna Nick Grief gus còir ùr dhaonna a chruthachadh gus ar dìon bho na bagraidhean bhon na speuran agus iad a’ dol am meud fad an t-siubhail, anns a bheil earrannan bho choinneamhan Airspace Tribunal air an cumail ann an Lunnainn, Toronto is Sydney, agus ann am Berlin.
—
Sgrìobh Anthony Downie beachd air Speuran Bacte agus an Airspace Tribunal airson The MIT Press Reader. Chaidh an artaigil air atharrachadh bho aiste tòiseachaidh an ùghdair gu “Shona Illingworth: Topologies of Air” (Sternberg Press).
—
*Air sgàth suidheachadh ris nach robh dùil, b’ fheudar dhuinn an sgrìneadh a chuir dheth*
Thig an taisbeanadh gu crìch le taisbeanadh sònraichte de Topologies of Air agus tachartas ann an Talla Hòsta. Tha Topologies of Air (2021), na bhideo air trì sgàilein agus na stàladh-fuaime ioma-sheanaileach (45 mionaidean), a’ sgrùdadh buaidh nan atharrachaidhean poilitigeach, armachail, àrainneachail is teicneòlach a’ luathachadh anns na speuran agus anns an fhànas. Tha an t-saothair a’ sgrùdadh mar a tha mac an duine air atharrachaidhean bunaiteach a thoirt air an adhar, bho àite tilgeil mac-meanmna agus iongnaidh, ceangailte cho domhainn ris a’ bheatha thairis air caochladh chosmas agus samhlaidhean cultarail coitcheann gu àite far a bheil barrachd strì is nàimhdeis a tha a’ toirt leis barrachd de bhagairt, de dh’iomagain agus de riasladh.
—
Tha an taisbeanadh ga ghleidheadh air aoigheachd le Jacqueline Kok, Nancy McCain & Bill Morneau fear-gleidhidh aig Taigh-taisbeanaidh Ealain an Latha An-diugh Power Plant ann an Toronto.
Chaidh Topologies of Air (2021) a choimiseanadh is a mhaoineachadh le Pròiseact le taic bho Ùghdarras Bahrain airson Cultar is Àrsaidheachd, Urras Ealain Sharjah, Comhairle Bhreatainn, Comhairle Ealain Shasainn agus Oilthigh Kent.
Booking
Bookings are no longer available for this event.