Home > Event > Tadhal a-rithist air Hiort Bhiortail

Photo of stone walls on a grassy green slope in St Kilda.

Tadhal a-rithist air Hiort Bhiortail

Tha sinn a’ cur fàilte oirbh gu Hiort Bhiortail.

Tha iongantas agus buntainneas aig na h-eileanan dhar beatha an-diugh.  Air fhalamhachadh ann an 1930, dh’fhàg an 36 eileanach mu dheireadh agus thàinig crìoch air dòigh beatha Hiort.  Tha sgeulachd Hiort a’ toirt sealladh an dà chuid air na dùbhlain agus air beairteis beatha aig iomall sheasmhachdas, agus air cho brisg sa tha ar dòigh-beatha.

Chaidh taisbeanadh Hiort Bhiortail a shealltainn ann an Taigh-tasgaidh Thaigh Chearsabhaigh an toiseach ann an 2014.  Na lùib bha ath-chruthachadh dhidseatach air Hiort, le òrain, sgeulachdan agus taisbeanaidhean bho sgoiltean is choimhearsnachdan Uibhist.  Chruthaich sinn Bàgh a’ Bhaile mar a bhiodh e a’ coimhead an uair sin, a’ toirt tuigse nas fheàrr air mar a bha an t-eilean agus an dòigh beatha timcheall air 1890, mus deach fhalamhachadh air 29 Lùnastal 1930. 

Tha mòran air tachairt bho chaidh taisbeanadh Hiort Bhiortail a shealltainn an toiseach ann an Taigh Chearsabhagh, an dà chuid a thaobh teicneòlas agus ann am beatha san fharsaingeachd.

Thèid againn an-diugh an t-eilean a shealltainn le barrachd mion-fhiosrachaidh, a’ toirt beò pàirtean ùra den eilean.  Le bhith a’ cleachdadh teicneòlas-geamaireachd, tha sinn a’ sealltainn a’ chruth-tìre agus na toglaichean ann an dòigh fìor, le cuid de na caracataran bhon eilean, agus an t-sìde.  Tha sinn gur toirt gu Hiort air na làithean soilleir, grianach, a bhios a’ mhòr-chuid a dhaoine a’ faireachdainn, ma thadhalas iad air an eilean nuair a tha a’ mhuir socair.  Tha sinn cuideachd a’ sealltainn a’ mhuir, a’ ghaoth agus an t-sìde a gheàrr dheth an t-eilean airson deagh chuid den bhliadhna.

’S ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha eileanan Hiort agus ’s iad a tha gan ruith, ann an compàirteachas le Nàdar Alba, Alba Aosmhor agus Comhairle nan Eilean Siar.  Taing do dh’Urras Nàiseanta na h-Alba, airson taic, agus airson dealbhan agus fuaim a thoirt seachad airson an taisbeanaidh.

Tha taisbeanadh Tadhal a-rithist air Hiort Bhiortail ri fhaicinn an-asgaidh ann an Gailearaidh 1 ann an Taigh Chearsabhagh, Diluain gu Disathairne, 10m-4f.   Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.