Home > Event > Taigh Ciùil: Chloe Steele + Culla

Taigh Ciùil: Chloe Steele + Culla

Às deidh beagan fois, tha Taigh Ciùil air ais!

‘S e sreath de oidhcheannan ciùil beò a th’ann an Taigh Ciùil air a chumail le Taigh Chearsabhagh, leis an luchd-ciùil traidiseanta mìorbhaileach agus bàr ceadaichte. Tha Taigh Chearsabhagh air leth toilichte innse gur e Chloe Steele agus Culla na chiad còmhlain-chiùil a thig còmhla rinn airson ar ath-chraoladh Taigh Ciùil. Tha sinn an dòchas gun urrainn dhut a thighinn ann airson oidhche mhath de cheòl leis an luchd-ciùil tàlantach sin.

Cruinnichidh sinn airson 7.30f aig Talla Coimhearsnachd Loch nam Madadh, àite farsaing airson ar beagan a chumail nas sàbhailte le rùm gu leòr airson astarachadh sòisealta. Feumaidh sibh tiogaid a’ ghlèidheadh air adhart, agus is urrainn dhut a cheannach gu h-ìosal.

Chloe Steele

Tha Chloe Steele na seinneadair Gàidhlig is na pìobaire a rugadh is a thogadh ann an Uibhist a Deas. Tha dealas mòr aig Chloe dhan dualchas aice agus bidh i ag obair gu cruaidh air a bhith a’ dearbhadh gum bi an fheadhainn a thig na dèidh air am brosnachadh dualchas làidir nan eilean a dhìon is a chomharrachadh. Thug Chloe ceum le Urram ann an Ceòl an Gnìomh a-mach o chionn ghoirid bho Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Ri linn dhi a bhith air a’ chùrsa, chuir Chloe seachad tòrr den ùine aice airson na coimhearsnachd aice ann an Uibhist a Deas, a’ cumail cèilidh a h-uile mìos agus a’ teagasg ceòl dùthchasach dhan òigridh san eilean.

Culla

Tha Culla nan còmhlan ùr òg ri ceòl dùthchasach agus iad stèidhichte ann am Beinn na Faoghla. Thòisich Culla air an turas cheòlmhor aca sa Mhàrt 2020 nuair a nochd galar COVID-19 anns an RA agus air feadh an t-saoghail. Bhon uair sin, tha iad air a bhith trang air an Lìon, a’ cur a-mach iomadh bhideo air na làraichean aca sna meadhanan sòisealta gus inntinn is cridheachan a thogail aig àm dubhach, agus a’ tarraing mar sin tòrr luchd-leanmhainn agus iomadh caraid fad beatha air an t-slighe. Is e an t-amas a th’ aig Culla rud ùr a thoirt do cheòl dùthchasach na h-Alba agus tha iad air bhioran stuth ùr a sgaoileadh gu luchd-leanmhainn an-dràsta agus san ùine romhainn.