Home > Event > Taigh Ciùil: Pàdruig Morrison, Chloe Steele, Sheena Peteranna & Aoighean Ainmeach

Taigh Ciùil: Pàdruig Morrison, Chloe Steele, Sheena Peteranna & Aoighean Ainmeach

Tha Taigh-ciùil na shreath de dh’oidhcheannan de cheòl beò leis an luchd-chiùil dhùthchasach as fheàrr agus bàr le cead-dibhe. Tha Taigh Chearsabhagh cho toilichte fios a leigeil gum bi na h-Uibhistich ealanta Pàdruig Moireasdan, Chloe Steele agus Sheena Peteranna a’ seinn air 10 Ògmhios cho math ri luchd-ciùil air aoigheachd a thèid ainmeachadh air an oidhche fhèin. Tha sinn an dòchas gun tèid agad air a bhith leinn airson oidhche bharraichte de cheòl leis an luchd-chiùil ealanta seo.

Tha e deatamach gun cuir thu an tiogaid agad air dòigh ro làimh, a dh’fhaodas tu ceannach gu h-ìseal. Bidh cuid de thiogaidean rim faighinn air an doras, ach le crìochan comais teann, chan urrainn dhuinn gealltainn gum bi iad rim faighinn.

Tha Pàdruig Morrison na cheòladair agus na sgrìobhadair-ciùil à Griomasaigh ann an Uibhist a Tuath. Tha an obair aige a’ gabhail a-steach sgrìobhadh airson an sgàilein agus do Cho-cheòladairean clasaigeach, a bharrachd air a bhith a’ seinn le iomadh còmhlan-ciùil dùthchasach aig mòran de dh’fhèisean na h-Alba. Tha e a’ cluich gu cunbhalach leis a’ chòmhlan Uibhisteach Beinn Lì, ach cuideachd a’ cluich leis fhèin agus bha e sa chuairt dheireannach de dh’fharpais Ceòladair Òg na Bliadhna aig BBC Radio Alba ann an 2020, agus tha e a’ dèanamh PHD ann an Sgrìobhadh a’ Chiùil.

Gabhaidh Pàdruig measgachadh de cheòl ùr air a sgrìobhadh cho math ri port na dhà nas aosta bho dhualchas Uibhist.

Tha Chloe Steele na Seinneadair is na Pìobaire Gàidhlig a rugadh is a thogadh ann an Uibhist a Deas. Is e dualchas eilean a dùthchais cuspair mòr a cuid ciùil. Tha ceòl Chloe air iomadh cothrom a thoirt dha cluich san sgìre, san rìoghachd agus thall thairis. Bidh Chloe a’ cluich taghadh den cheòl ace fhèin agus de cheòl a bhuineas do dh’Uibhist.

À Uibhist a Deas, tha Sheena anns a’ bhliadhna mu dheireadh air a’ cheum BA ri Ceòl an Gnìomh aig OGE, a’ sealltainn gu sònraichte air cluich, agus tha i air a bhith ga teagasg le Iain Dòmhnallach agus Seumas Donnchadh MacCoinnich. Tha i a’ dol air chuairt air a’ Ghàidhealtachd le Fèis Rois as t-samhradh 2022 agus a’ dol air cuairt fad mìos anns a’ Ghearmailt anns an Ògmhios. Tha Sheena air a bhith a’ cluich leis na còmhlain Far Flung Collective agus Argyll Ceilidh Trail agus aig Celtic Connections is Celtic Colors. 

Tha Sheena Peteranna a’ nochdadh fhonn dualchasach a tha sìmplidh is àlainn air a’ phìob, air fìdeagan, agus air duisealan, agus nan cois crònan an nàdair bho thimcheall air an dachaigh aice ann an Uibhist a Deas. Bheir an ceòl drùidhteach seo an luchd-èisteachd a-steach ann an lèirsinn agus claisneachd tro fhilm beò, a chaidh a thogail ann an àiteachan mu Uibhist a Deas faisg air a cridhe.