**Tha an tachartas seo a-nis làn. Cuiribh postd gu taigh@taigh-chearsabhagh.org nam bu toigh leibh ainm a chur air liosta-feitheimh, air eagal ’s gum bi tuilleadh thiogaidean rim faighinn.**
Tha sinn air ar dòigh gu bheil Sian a’ tighinn a Thaigh Chearsabhagh mar phàirt den chuairt samhraidh aca.
Tha Sian air co-sheirm rèidh a thoirt gu saoghal ciùil thraidiseanta Alba bho 2016. Air an toirt còmhla an toiseach airson comharrachadh òrain Ghàidhlig air an cur an cèill le boireannaich, tha Ceitlin Lilidh, Eilidh NicCarmaig agus Ellen NicDhòmhnaill air a’ cheòl aca a fhreumachadh gu làidir sa ghnè sin. Fa leth, tha na guthan aca a’ tighinn ri chèile gu grinn, a’ measgachadh co-sheirm bhuadhmhor is taic ciùil bho Innes White gus fuaim air leth a chur ri chèile. Tha an clàr ùr aca leis an aon ainm, air a riochdachadh le Dòmhnall Seathach, agus air an robh fèill mhòr, ri cheannach an-dràsta.
Tha sinn an dòchas gun tig sibh còmhla rinn airson fìor dheagh oidhche ciùil!
Bu chòir dhuibh tiogaid a ghlèidheadh ron àm. Bidh àireamh bheag de thiogaidean rim faighinn air an dòras, ach chan urrainn dhuinn gealltainn gum bi àite air fhàgail air an oidhche.
Ma ghlèidh sibh tiogaidean airson a’ chonsairt aig Sian an-uiridh, a chaidh a chur dheth, faodaidh sibh an aon thiogaid a chleachdadh agus chan fheum sibh tè ùr a ghlèideadh. Ach bhiomaid fada nur comain nan leigeadh sibh fhaicinn dhuinn ma tha sibh fhathast an dùil tighinn – cuiribh post-d gu taigh@taigh-chearsabhagh.org
Ma tha tiogaid agaibh agus nach urrainn dhuibh tighinn, cuiribh postd thugainn agus pàighidh sinn prìs an tiogaid air ais thugaibh.