Home > Event > Taisbeanadh Beàrnan-Brìde

Close-up photo of embroidery piece and needle

Taisbeanadh Beàrnan-Brìde

An dèidh pàirt a ghabhail ann am pròiseact nàiseanta Beàrnan-Brìde, a bha a’ toirt luaidh air coimhearsnachdan, ceòl agus fàs, tha sinn a’ toirt sùil air ais air samhradh thrang agus toiseach a’ Ghàrradh Ris Nach Robh Dùil aig dachaigh cùraim an Trianaid ann an Uibhist a Tuath.

Dh’obraich an luchd-ealain againn cuide ri eileanaich, sean is òg.  Chruthaich iad còmhla pìosan a rinn ceangal eadar daoine is fearann, a’ toirt luaidh air ar coimhearsnachdan agus an luach air faireachdainn àite.

Thigibh còmhla rinn ann an Taigh Chearsabhagh airson feasgar fosglaidh an taisbeanaidh air Dihaoine 4 Samhain aig 7f.

Tha an taisbeanadh a’ sealltainn obair a chaidh a thoirt air adhart le Donnchadh MacLeòid, Ceòladair air Mhuinntireas, agus cuideachd an luchd-ealain Margaret Fenton, Fiona NicÌosaig, Margaret Joan NicÌosaig, Deirdre Nelson agus Jemima Dansey-Wright.

Taing mhòr do chlann Wild Things Uist, Sgoil Uibhist a Tuath, a bharrachd air Anne Monk agus sgioba saor-thoileach an obair-ghrèis airson an obair mhòir.

Riochdaire Cruthachail Ùr – Sorcha Monk

Ceòladair air Mhuinntireas – Donnchadh MacLeòid

Eitn-eòlaiche Cruthachail – Màiri NicPhàidein

Tha an taisbeanadh an-asgaidh agus ri fhaicinn ann an Gailearaidh Cafaidh Thaigh Chearsabhaigh, 10m-4f, bho Dhiluain gu Disathairne.

Bha Beàrnan-Brìde na phrògram adhartach chruthachail, a’ ruith bhon Ghiblean gu Sultain 2022 air feadh Alba, a’ toirt fiathachadh don h-uile duine cuir, fàs agus roinn.  Bha am pròiseact ag amas air a dhèanamh cho furasta sa ghabhas do chuid fhèin fhàs agus a dhèanamh cho fosgailte sa ghabhas do dhaoine aig gach aois, le tachartasan a’ gabhail àite air feadh na dùthcha – bho na h-eileanan as iomallaiche gu meadhan nam bailtean mòra.  Airson tuilleadh fiosrachaidh air na tachartasan a bh’ ann an Uibhist, thoiribh sùil air duilleag A’ Ghàrraidh.

Thàinig am prògram gu crìoch san t-Sultain, le na ceudan de chuirmean Àm Buain a’ gabhail àite ann an sgoiltean, Gàrraidhean Ris Nach Robh Dùil agus àiteachan coimhearsnachd air feadh Alba, a’ toirt daoine ri chèile airson comharrachadh ràithe fàis gun choimeas.

Bha Beàrnan-Brìde air a choimiseanadh le EventScotland agus air a mhaoineachadh tro Riaghaltas na h-Alba. B’ e cuibhreann na h-Alba de UNBOXED: Creativity in the UK a bh’ ann.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.