Home > Event > Taisbeanadh Bliadhnail an t-Samhraidh Comann Ealain Uibhist

Taisbeanadh Bliadhnail an t-Samhraidh Comann Ealain Uibhist

Bidh Taisbeanadh Bliadhnail an t-Samhraidh, le obair ealain bho Chomann Ealain Uibhist ri fhaicinn anns na Stiùidiothan ann an Taigh Chearsabhagh, bho dheireadh na h-Ògmhios gu toiseachd an Lùnastal. 

Bidh fàilte romhaibh aig feasgar fosglaidh an taisbeanaidh, air Dihaoine 21 Ògmhios, aig 7f, far am faigh sibh cothrom coinneachadh ri mòran den luchd-ealain. 

Bidh a’ mhòr-chuid den obair ealain ri reic, is pìosan a bharrachd ga chur ris fad na h-ùine.

Tha Taisbeanadh Bliadhnail an t-Samhraidh ri fhaicinn an-asgaidh, ann an Stiùidothan 1, 2 + 3, bho Dhisathairne 22 Ògmhios gu 10 Lùnastal, Diluain gu Disathairne, 10m-4f.   Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.