Home > Event > Taisbeanadh bliadhnail samhraidh UAA 2023

Summer Open Exhibition 2023 written in white against a light purple background, with part of the UAA flying bird logo image, in white.

Taisbeanadh bliadhnail samhraidh UAA 2023

Taisbeanadh bliadhnail an t-samhraidh, le obair ealain bho Chomann Ealain Uibhist.  Gabhaidh a’ mhòr-chuid den obair cuideachd a cheannach tron bhùth air-loidhne aig Taigh Chearsabhagh.

Thigibh còmhla rinn air Dihaoine 30 Ògmhios, aig 7f, airson fosgladh an taisbeanaidh a chomharrachadh, is cothrom ann coinneachadh ri mòran den luchd-ealain.  Bidh taisbeanadh ùr eile, Iteag sa Chuan, le Cally Yeatman agus Kirsty O’Connor a tha nam buill de Chomann Ealain Uibhist, a’ fosgladh aig an aon tachartas.  Bidh fàilte romhaibh uile.