Home > Event > Taisbeanadh Ceuma OGE Innse Gall: Sif Nielsen & Kathrhona Lawson

Taisbeanadh Ceuma OGE Innse Gall: Sif Nielsen & Kathrhona Lawson

Anns an taisbeanadh am-bliadhna tha saothair le dithis neach-ceuma le urram: Sif Nielsen agus Kathrhona Lawson.

Is e an Taisbeanadh Ceuma an taisbeanadh mòr mu dheireadh do dh’oileanaich air cùrsa BA (Urram) ann an Ealain Fhìnealta aig OGE Innse Gall, ga lìbhrigeadh aig àrainn Thaigh Chearsabhagh. Tha Sif agus Kathrhona air a bhith ag obair le crèadh agus puisteal obair-shnaighidh, meadhanan ùra agus tilgeil. Tha iad a’ rannsachadh chuspairean an cois na h-àrainneachd aca – a’ toirt freagairt an dara cuid air an t-suidheachadh fhiosaigeach (le crèadh ga cladhach le làimh, nithean nàdarrachd agus a lorgar) a bharrachd air eachdraidh chultarail Uibhist (tro sgeulachdan, bheul-aithris agus chultar na Gàidhlig).

Nach tig sibh còmhla rinn gus obair Sif agus Kathrhona a’ chomharrachadh air an oidhche fhosglaidh, 6-8f air Dihaoine 27 Cèitean. Faodaidh sibh RSVP-adh leis an t-siostam tiogaidean an-asgaidh gu h-ìosal, ma tha thu an dùil tighinn ann. Bidh na NC Open Studios a’ fosgladh air an aon fheasgar, mar sin dèan cinnteach gun toir thu sùil air na Gailearaidhean Stiùidio cuideachd fhad ‘s a tha thu an seo.

Sgrìobh Sif Nielsen

“Tha an t-saothair agam stèidhichte air tilleadh ri Uibhist a Tuath. Tha an t-siosarnaich am bàrr nan craobh air a toirt a-steach an-dràsta leis a’ mhuir, a’ turralaich leis an t-sìde a’ dol fiadhaich thairis air monaidhean fosgailte air faireachdainn ris nach robh dùil de cheangal tro nochdadh. Tha eòlas air dualchas na Gàidhlig a’ toirt mac-meanmna dhan t-saoghal chumhang a’ mhothachaidh againn, a’ dùsgadh mo ghaoil air saoghal dìomhair drùidhteach nan sgeulachdan air a bheil cuimhne agam bho làithean m’ òige. A’ coimhead tro sgàil ris an t-saoghal eile air fàs na dhòigh gus sgrùdadh a dhèanamh air a’ chàirdeas a th’ agam ris an àrainneachd, mar a dh’fhaodas tìm iomallach ceanglaichean cumhachdach a chruthachadh tro ghiullachd nas mothachaile air na tha timcheall oirnn. Tha mi a’ cleachdadh obair-chriadha mar inneal gus an t-eilean agam a rannsachadh. Faodaidh luath nan lus, creagan, agus cnàmhan a bharrachd air a bhith a’ toirt stuth air a chaitheamh dhan t-sitig le mac an duine dhan mhodh-obrach, a’ feuchainn ri taobhan falaichte nithean a leigeil fhaicinn, sreathan de cheanglaichean no atharrachaidhean beaga air stuth – ged a thathar eòlach orra – saidhbhreas annasach dìomhair nan sgeulachdan a thoirt leotha. Le obair-chriadha air a suidheachadh ann an àiteachan dorcha air an soillseachadh gu ìre le obair-thilgeil, tha mi an dòchas ceasnachadh, rannsachadh is bogadh a bhrosnachadh.” 

Sgrìobh Kathrhona, 

“Bidh sgeulachdan a’ càrnadh suas, a’ briseadh, a’ dol às agus ag atharrachadh mar bhriostalan air tighinn an tìr air a’ chladach. Thathar gam mìneachadh às ùr a thaobh an fhiosrachaidh phearsanta againn, nan làraichean againn an lùib nan sreathan. Tha lorgan, làraichean agus faclan air an call gan cumail, gan togail le daoine a’ gabhail annas, gan giùlan ann am pòcaidean aig amannan air an sgrùdadh, air an nochdadh, agus aig amannan air an cur air ais. Tha dòrlach sgeulachdan às na h-Eileanan gam briseadh sìos ann am bloighean agus faodaidh an neach-amhairc an lorg, am breithneachadh agus, cò aig’ a tha fios, an cur air adhart.”

Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu na cùrsaichean agus a’ cholaiste cuir fios thugainn aig leart@uhi.ac.uk no lean an àrainn air Instagram.

Booking

Bookings are no longer available for this event.