Tha UistFilm Presents na shreath de thaisbeanadh fhilmichean gach mìos, a h-uiole Disathairne mu dheireadh den mhìos aig Talla Chàirinis. Tha sinn cho toilichte a bhith a’ sealltainn An Dà Shealladh. Nach cuir thu na tiogaidean agad an dara taobh gu h-ìseal, seach nach bi ach ìre shònraichte dhiubh rim faotainn aig an doras. Agus e stèidhichte sna h-Eileanan, tha An Dà Shealladh na aithriseachd le fuaim air thoiseach a nì ceangal ann am film le seanchasan air an dualchas a’ crìonadh airs ais dhan àrainneachd dham buin e. Tha dealbhan, clàraidhean agus agallamhan a chaidh a chruinneachadh bho chaochladh choimhearsnachdan sna h-Eileanan gan toirt còmhla gus rannsachadh a dhèanamh air a’ chàirdeas eadar seanchas àiteachan, àrainneachd agus na buaidhean a bheir iad air càch a chèile.
—
“Tha na tiotalan anns an dealachadh ag ràdh gun deach AN DÀ SHEALLADH a chruinneachadh ann an caochladh eileanan ann an Innse Gall bho 2017 gu 2019, ach dè na tha am film a’ cruinneachadh? Tha ìomhaighean ann, air an glacadh air camara 16mm, a chlàraicheas na tha am broinn an fhearainn àlainn seo, eadar na creagan, na cladaichean is na machraichean, a’ glacadh nan lusan is nam beathaichean agus nan taighean is nan eathraichean sgapte thairis air, a’ comharrachadh shruthan, fhaileasan is aitealan. An uair sin tha na fuaimean, air an clàradh le mic a tha ri fhaicinn sna h-ìomhaighean an toiseach, sgreuchail nan eun, fead na gaoithe, stararaich, torghan is plubraich an uisge. Ann an guth-thairis, cluinnear tòrr sgeulachdan, gan aithris sa Ghàidhlig is sa Bheurla le chèile, sgeulachdan mu chnàmhlaich chon, mu bhailtean bàthte, mu dhaoine san teaghlach ag eug, ged a tha òrain, sàmhchair agus tuairmse na sìde aig muir a-cheart cho bitheanta an seo. Ach mar a tha le cruinneachadh mòr sam bith, chan ann mu na mìrean fa leth a tha e, ach mar a tha iad a’ dol an lùib a chèile, agus mar a tha an fheannag air uèir bhiorach a’ cruthachadh sgeulachd eile nach deach aithris riamh, mar a tha na tuinn bheaga a’ dol a rèir seinn nam boireannach, mar a tha a h-uile seanchas a’ dol leis a’ ghaoith. Fradharc leis an t-sùil, fradharc leis a’ chluais, dà fhradharc a tha a’ sruthadh còmhla.”
Berlinale
A’ cur cuideam air èisteachd mar fhaireachdainn bhunaiteach coltach ris an dà shealladh, a tha a’ freagairt nas fheàrr air samhlaidhean seach tulgadh doilleir an fhradhairc.
Leo Goldsmith, The Brooklyn Rail
—
Chaidh am film a dheasachadh leis an Stiùiriche Joshua Bonnetta mar Neach-ealain air Mhuinntireas aig Taigh Chearsabhagh le FilmUibhist. Faodar aithriseachd air stàlaidhean Joshua bho 2019 aig Taigh Chearsabhagh fhaicinn an seo, Caolas na Hearadh.
Tha Joshua, a rugadh ann an Canada ann an 1979, na neach-ealain an sàs ann an iomadach meadhan ag obair le fuaim is ìomhaigh thairis air stàladh, cluich, agus taisbeanaidhean film mar bho shean. Tha an ealain aige a’ sgrùdadh fuaimean na h-àrainneachd tro eag-eòlas fuaime agus bith-eag-eòlas glèidhteachais. Tha thar air an t-saothair aige a nochdadh aig The Berlinale, BFI London Film Festival, Institute of Contemporary Art (London), Museum of Modern Art (New York), New York Film Festival, Toronto International Film Festival agus Whitechapel Gallery.
Air oidhche an taisbeanaidh, cuiridh an Stiùiriche Joshua Bonnetta am film fad 87 mionaidean an aithne agus thèid e an sàs ann an Ceistean is Freagairtean an dèidh làimhe.
Booking
Bookings are no longer available for this event.