Home > Event > Taisbeanadh FilmUibhist: Aonaran Loch Trèig

Taisbeanadh FilmUibhist: Aonaran Loch Trèig

Ma tha gaol agad air an fhearann, bheir e gaol air ais dhut.

An dèidh 40 bliadhna leis fhèin, tha aonaran aosta làn spionnaidh a’ nochdadh a bheatha ri filmeadair òg baineann agus e a’ strì ri droch shlàinte, cuimhne a’ dol bhuaithe, agus ceistean an tèid aige air na bliadhnaichean mu dheireadh aige a chur seachad anns an fhàsach a tha mar dhachaigh dha.

’S e sreath de fhilmichean mìosail a th’ ann an Taisbeanadh FilmUibhist, gach Disathairne mu dheireadh den mhìos ann an Talla Chàirinis. Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ sealltainn Aonaran Loch Trèig às deidh dha a bhith air fhoillseachadh aig deireadh a’ Mhàirt. Feuch an glèidh sibh ur tiocaidean gu h-ìosal, oir chan eil ach beagan rim faighinn aig an doras.

Agus e a’ cumail leabhar-latha gu mionaideach agus a’ togail dhealbhan gu dealasach, tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn air an dà fhichead bliadhna a chaidh seachad air a’ Ghàidhealtachd, a’ fuireach na aonar ann am bothan beag faisg air Loch Trèig. Chan eil dealan no uisge-ruithe aige idir. Tha e a’ tighinn beò air an fhearann, ag iasgach airson cuid na h-oidhche, a’ gearradh fiodh, agus fiù ’s a’ dèanamh a chuid dhramaichean fhèin. Agus e air fhilmeadh thairis air 10 bliadhna, tha an stiùiriche Ealasaid NicCoinnich a’ glacadh ann an seadh bàrdail a’ chàirdeis dhomhainn spioradail a th’ aig Coinneach ris an fhàsach: “Ma tha gaol agad air an fhearann, bheir e gaol air ais dhut.”. Agus e seachad air trì fichead ’s a deich a-nis, tha Coinneach a’ meòrachadh air na h-adhbharan a chuir e cùl ris an t-saoghal, a’ chugallachd an lùib na h-aoise, agus an t-iongnadh is an t-annas an lùib beatha air a cur seachad ann an nàdar san aithriseachd seo a tha èibhinn, domhainn agus na dearbhadh air a’ bheatha.

“Abair gu bheil e air a bhith na thuras am film seo a thoirt gu bith! Thachair mi ri Coinneach Mac a’ Ghobhainn an toiseach tràth sna ficheadan agam, agus dhrùidh an joie de vivre aige orm gu mòr, agus an aotromachd na lùib a dh’aindeoin gun robh e a’ fuireach ann an suidheachadh a bhiodh mar bhochdainn don chuid as motha de dhaoine, gus nach fhaighinn cuidhteas am beachd film a dhèanamh mu dheidhinn ged nach d’rinn mi film riamh roimhe. Thug e 7 bliadhna de3 sgrìobhadh litrichean agus de chuairtean gach bliadhna dhan choille iomallaich aige gus ruigsinn air an àite far an robh sinn ullamh le chèile tòiseachadh air filmeadh, agus tha mi an dùil gur h-e an càirdeas a chaidh a stèidheachadh eadarainn a tha a’ fàgail an sgeòil cho sònraichte. Tha Coinneach, le chuid dhealbhan is sgrìobhaidh aige agus leis a’ chàirdeas dhomhainn a th’ aige le saoghal an nàdair, ann an dòigh air a bheatha gu lèir a dhèanamh na h-ealain. Saoilidh mi gum faod a bheatha umhail aige mòran ionnsachadh dhuinn. Ach, thar gach nì, tha an sgeul aige na chuimhneachan air comas suaicheanta mhic an duine cràdh is fulang a chruthachadh nan àilleachd. Agus tha e ga dhèanamh ann an dùthaich àlainn na Gàidhealtachd, a dh’aindeoin nan dùbhlan uile na lùib. leis an sgrùdadh dhomhainn seo air an spiorad dhaonna is air nàdar, tha mi an dòchas gum bi am film seo mar roghainn eile seach cho sgaoilte agus cho beag dòchais agus a tha sinn an-dràsta.”

Ghlèidh – Duais an Luchd-amhairc aig Fèis Fhilmichean Ghlaschu 2022