B’ e tachartas fad 4 latha sa Ghiblean a bh’ ann an Ionnsachadh + Mothachadh Fiadhachd, a’ gabhail a-steach ealain lèirsinneach, dealbhadaireach agus nàdar. Rinn compàirtichean sgrùdadh air an àrainneachd machrach shònraichte aig Teàrmann Nàdair Bhaile Raghnaill a tha luma làn fiadh-bheatha. Bha cuairtean, òraidean agus deasbad a’ cur ris a seo, airson bunait air am b’ urrainn dhaibh freagairt chruthachail a leasachadh, san Àite-obrach Clò-bhualaidh agus an t-Seòmar Dhorcha aig Taigh Chearsabhagh.
Chì sibh toradh na h-obrach seo ga thaisbeanadh ann an Gailearaidh Cafe Thaigh Chearsabhaigh. Thigibh a choimhead farsaingeachd obrach a chaidh a chruthachadh tro chlò-bhualadh agus dealbhadaireachd analogach.
’S urrainn dhuibh barrachd a leughadh mu thachartas Ionnsachadh + Mothachadh Fiadhachd, agus iarrtas an Co-òrdanaiche Àite-obrach Clò-bhualaidh agus an t-Seòmair Dhorcha againn airson molaidhean air tachartasan eile, ann am blog Nicola Neate.
Tha an taisbeanadh an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine bho 10m-4f, Diluain gu Disathairne, ann an Gailearaidh Cafaidh Thaigh Chearsabhaigh. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
Tha Àite-obrach Clò-bhualaidh agus Seòmar Dòrcha Thaigh Chearsabhaigh fosgailte airson seiseanan a ghlèidheadh. Airson tuilleadh fiosrachaidh, agus ballrachd, faicibh duilleag Àite-obrach Clò-bhualaidh agus Seòmar Dorcha.
Còir-deilbhe: John Kippin & Nicola Neate.