Home > Event > Taisbeanadh Stiùidiothan Fosgailte UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall

Taisbeanadh Stiùidiothan Fosgailte UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall

Tha Sgoil Ealain Uibhist UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall air leth toilichte taisbeanadh a chur air adhart den obair aig oileanaich nan cùrsaichean NC Ealain & Dealbhadh agus BA (Urram) Na h-Ealainean Saora.

Tha an taisbeanadh a’ riochdachadh iomadachd agus miann ar n-oileanach agus na tha aca de dhòighean-obrach chruthachail.  Le farsaingeachd de dh’obair ga shealltainn, leithid clò-bhualadh, snaidheadh, dealbhadh, peantadh, obair fuaim, film agus a bharrachd, tha an taisbeanadh a’ toirt am follais buidhinn de ghuthan chruthachail làidir.

Bidh deagh chuid de na pìosan obrach gan tabhann airson an reic, gus na h-oileanaich a chuideachadh le fàs nan oidhirpean cruthachail.

Nach tig sibh còmhla rinn chun ro-shealladh fosglaidh air Dihaoine 3 Cèitean, 6-8f, airson comharrachadh na tha na h-oileanaich air a thoirt gu buil.  Bidh fàilte ron h-uile duine.

Tha na cùrsaichean ealain aig Taigh Chearsabhagh freagarrach air gach ìre eòlais – bho luchd-tòiseachaidh gu ìre ceum, le roghainnean pàirt-thìde no làn-thìde.  Dealbhadh, clò-bhualadh, snaidheadh, peantadh, sgrùdadh breithneachadh agus tòrr eile, le oidean fìor eòlach agus goireasan air leth.

Airson barrachd fiosrachaidh mu na cùrsaichean, taic-airgid agus roghainnean ionnsachaidh, cuiribh postd gu: LeArt@uhi.ac.uk no tadhalaibh air làrach-lìn UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall.

Còir-deilbhe: Sue Envill.