Ro-shealladh air Dihaoine 26 Cèitean, 6-8f
Tha UHI Innse Gall toilichte cruinneachadh a thaisbeanadh den obair aig oileanaich NC Ealain & Dealbhadh agus BA (Urram) Na h-Ealainean Saora.
An lùib an taisbeanaidh bheòthail seo, chì sibh farsaingeachd obrach ann an diofar mheadhanan, leithid eitseadh, graf-colla, monoprint, dealbhadaireachd, beò-dhealbhadh, obair-snaidhidh, dealbhan, peantadh agus a bharrachd.
Faodaidh sibh pìosan-obrach a cheannach, gus na h-oileanaich a chuideachadh leis an obair chruthachail aca.
Thigibh còmhla rinn airson comharrachadh an obair iongantach a rinn na h-oileanaich am-bliadhna-sa.
Bidh fàilte romhaibh aig an ro-shealladh airson Taisbeanadh Stiùidiothan Fosgailte, air Dihaoine 26 Cèitean, bho 6f. Fosgailte don h-uile duine.
Còir-deilbhe: Rachel Mhoireasdan