Home > Event > Talamh Brùite – Keith McIntyre

Talamh Brùite – Keith McIntyre

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Tha mi a’ tadhal air Beàrnaraigh na Hearadh feuch ciamar a tha togail an stiùideo ùir againn a’ tighinn air adhart, is e na eaglais Thelford ath-nuadhaichte. Tha an sealladh na annas dhomh is mi a’ dràibheadh suas am frith-rathad: chan eil ach gìoganan rim faicinn air gach taobh dhìom, seach feur mar a b’ àbhaist. Nuair a chuireas mi a’ cheist air Dòmhnall Iain MacAsgaill an Croitear cò às a thàinig an uiread de ghìoganan, gabhaidh e beachd air an fhearann is tionndaidhidh e rium.

‘Tha thu air an talamh a bhrùthadh. Nuair a bhrùthar an talamh, thig na gìoganan.’

Ghlac seo m’ aire. Tha am beachd gum faodadh sìl ghìoganan a bhith nan cadal fo thalamh fad nam bliadhnachan mòra mòra mus ginidichear iad le a bhrùthadh a’ tabhann smuaintean ùra air eachdraidh gheò-chultarail ar tìr gainmhich, ùrach, mònadh, is creige.

Tha tèama na Talamhainn Brùite cuideachd a’ caisleachadh iomadh smuain air ar co-cheangal ri geòlas fiosaigeach na h-Albann. Tha àiteachan is creagan innte nach mòr nach eil buaidh mhìorbhaileach aca; Sùilebheinn an Cataibh a chruthaicheadh le deigh, Uamh Fhinn an Stafa a chruthaicheadh leis a’ mhuir, an Garbh-eilean far còrsa Dhiùranais, a sheasas do-chìosnaichte ri sreathan-boma làitheil aig an RAF agus a tha mar an aon àite anns an Eòrpa uile far an gabh 1000 punnd de stuth-spreadhaidh feuchainn; no Clach a’ Choire an Tiriodh, clach chonadail a ghiùlaineadh a-nall à Rùm ri linn na deighe. Agus còmhla ri sin tha a’ bhuaidh a tha air a fàgail nuair a thèid na feartan-tìre seo às. Thathar an dùil gun tuit Bodach Hòigh am broinn a chèile ri ar linn fhèin, a tha ìomhaigh glèidhte gu sìorraidh ann am film is teilebhisean, agus uile-làithreach ann an turasachd is sanasachd Arcaibh. Air neo, feuch sgeulachd Ròineabhal anns na Hearadh, far an adhbhraicheadh a’ Mhòr-Chuaraidh an Lingreabhagh (a mholadh ach, gu fortanach, a dhiùltadh) cur às do 600 millean tunna de chloich antrasait, is b’ e a bhuil gum biodh leth na beinne air a ghearradh às.

Tha na cumhachdan-nàdair seo, ged a bhriseas mac an duine a-steach orra uaireannan, fhathast a’ tabhann shlighean ùra do rannsachadh cruthachail. Anns an obair aig Niall Gunnach, ùghdar na 20mh linn, bheirear air turas fiosrachaidh sinn uair is uair, an dà chuid mu dheidhinn nàdair agus mar dèidhinn fhèin. Tha an tuairisgeul a thug e seachad air Kenn òg ‘s e a’ dian-fheuchainn ris a’ bhradan neartmhor a ghlacadh tràth ann an ‘Highland River’ na chunntas dràmadach air bun-mhiann seantaidh gu nàdar a chìosnachadh, agus air deas-ghnàth inbhe le iomadh ginealach de shinnsearan ag amharc on chùlaibh. Tha an gnìomh deireannach, leigeil le cloich mhòir tuiteam air a’ bhradan mus gleacar ris gu ruige bruach na h-aibhne, fhathast ga mheas mar tè de na h-earrannan as cumhachdaiche agus as samhlachaile ann an litreachas na h-Albann.

Bhrosnaich soirbheachas Highland River an Gunnach gus a dhreuchd a leigeil dheth, an taigh aige a reic agus falbh an tòir air eachtradh ùr. Mar nach bu mhì-àbhaisteach do dh’inntinn chruthachail, aindeas gu riosgan, cheannaich an Gunnach bàta nach bu mhath a sheasadh am muir is chaidh e a sheòladh leis mu thimcheall nan Innse Gall. B’ e The Thistle a b’ ainm dhan bhàta.

Ann an Gàidhlig na h-Alba, ciad chànan Dhòmhnaill Iain MhicAsgaill, chan eil aon eadar-theangachadh deimhinnte air Disturbed Ground mar a dh’iarradh sa cho-theacsa seo. Is dòcha gur e ‘Thig gìogan le buaireas an talamh’ a chuirte air ‘Thistles will come with the disturbance of the ground…’

Ged a dh’eadar-theangaichear fòidearaich mar to turn over agus treabhadh mar ploughing, tha e inntinneach dhomh gu bheil caochladh thionndaidhean air disturbed a dh’fhaodadh an co-theacsa agus an tuigse ath-shuidheachadh; mì-shocair, troubled, uneasy, uncomfortable; bruailleanan, confounding, deranging; mì-shuaimhneach, annoyed, distressed.

Ann a bhith a’ beachdachadh air a’ chuspair seo le caraidean is sgoilearan aig a bheil a’ Ghàidhlig, tha cuideigin dhiubh a’ crìochnachadh a’ chòmhraidh le pong sàmhchair agus an uair sin, thuirt e, ‘gu dearbha, tha iomadh adhbhar ann ‘s gum bu chòir don talamh a bhith feargach rinne.”

Keith McIntyre

Le taing do Bhrian Ó hEadhra

Tha an taisbeanadh seo a’ leantail air ‘air iarrtas’ thar na sràide aig FilmUibhist (a b’ àbhaist a bhith na ionad-fhiosrachaidh), far an taisbeanar Moylley yn Burroo, agus a bharrachd air sin chithear dealbhan-tarraing mòra anns a’ Mhargadh. Mar as trice cha ruigear iad seo ach eadar 10m-4f, DiLuain-DiHaoine.