Home > Event > Tarraing Làimhsich le Margaret Fenton

Tarraing Làimhsich le Margaret Fenton

Thig leinn airson buidheann-obrach neo-fhoirmeil ann an tarraing dhealbhan le Margaret Fenton. Nochd dreiseag bheag, no fuirich fad an t-seisein gu lèir – clas na fhealla-dhà a tha fosgailte dhan a h-uile duine, a’ tarraing lusan, mheasan is glasraich, a’ cleachdadh mothachadh beantainn.  

“Tha an obair-tharraing agam coltach ris a’ ghàrradh agam; tha luibhearnach a’ falbh an lùib na glasraich mar a bhios sreathan a’ dol air an duilleig, tha craobhan is preasan a’ cromadh anns a’ ghaoith agus comharraidhean air thuairmse nan leum, tha am blàth na laighe bog bàthte ’s briste air an làr mar a bhios an inc a’ spùtadh thairis ach an uair sin bidh rudeigin a’ tachairt agus tha draoidheachd a’ ghàrraidh a’ tighinn am bàrr. Tha an obair-tharraing agam coltach ris a’ chòcaireachd agam; fosgail am frids agus cruthaich gun fhios agad dè am blas a bhios air a’ bhiadh no cò ris a bhios an obair-tharraing dheireannach coltach. Tha an obair-tharraing agam coltach ri nochdadh seach sgil teicnigeach, a’ faireachdainn saor a bhith a’ cruthachadh gun eagal agus fealla-dhà a ghabhail. ” – Margaret Fenton

Bidh bùth-obrach Margaret a’ tachairt dìreach às deidh iomlaid lusan an-asgaidh a-mach air an deic. Airson barrachd fios mun iomlaid, tadhal air an duilleag an tachartais.

Gus barrachd fhaighinn a-mach mu phròiseact a’ Ghàrraidh Ris Nach Robh Dùil aig na Beàrnain-Bhrìde, tadhail air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh. Bidh prògram an t-samhraidh fo bhlàth agus an t-sìde a’ blàthachadh, agus ma tha thu ag iarraidh dol gu tachartasan eile leis na Beàrnain-Bhrìde san àm ri teachd, cuir t’ ainm ris a’ chuairt-litir againn aig bonn na duilleig-lìn seo. Faodaidh tu Taigh Chearsabhagh a leantainn cuideachd air na meadhanan sòisealta airson fios, no tadhal às ùr air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh, a thèid ùrachadh gu cunbhalach.

 

Booking

Bookings are no longer available for this event.