Home > Event > Tìr a’ Ghaineimh

Tìr a’ Ghaineimh

‘S e Tìr a’ Ghaineimh taisbeanadh de na dealbhan air a’ thogail le Elizabeth Rintoul.

Ghluais Elizabeth gu Uibhist a Tuath le cèile à Alba as t-fhoghar a chaidh bho Vancouver, Canada gus saoghal nas rèidhe a chur seachad a leigeas leotha bhith cruthachail ann an suidheachadh spreagail. An dèidh BFA ann an Dealbhaireachd a thoirt a-mach ann an San Francisco, bha Elizabeth ri dealbhaireachd dannsaidh far an deach an t-saothair leotha a thaisbeanadh is fhoillseachadh anns na Stàitean. An dèidh tilleadh dhachaigh gu Vancouver, dh’atharraich Elizabeth gu dealbhaireachd fiadh-bheatha, agus chruthan-tìre nàdarra is sna bailtean-mòra. Tha Elizabeth fhathast air an spreagadh an seo ann an Innse Gall, agus gu h-àraidh air taobh na mara agus an dreach-tìre ag atharrachadh gun sgur ann … an t-àite as fheàrr leotha. Is e cuspair mòr saothair Elizabeth a-nis glacadh riochdan drùidhteach a’ ghainimh agus farsaingeachd nam mìrean air an dèanamh le làmh mhic an duine a bhios a’ tighinn air tìr agus a dh’fhàsas nam pàirt de chruth na tìre.

 

Bidh dealbhan Elizabeth rim faicinn ann an gailearaidh a’ chafaidh, fosgailte 10m – 4f, Diluain gu Disathairne.