Home > Event > Turas Leabharlannan Bàrd-cùirte na Rìoghachd le Sìm Armitage agus Caoimhin MacNèill

Turas Leabharlannan Bàrd-cùirte na Rìoghachd le Sìm Armitage agus Caoimhin MacNèill

**Tha an tachartas beò ann an Taigh Chearsabhagh a-nis làn.  Cuiribh post-d gu taigh@taigh-chearsabhagh.org leis an ainm agus àireamh fòn agaibh air eagal ’s gum bi àite a bharrachd ri fhaighinn fhathast.  ‘S urrainn dhuibh fhathast ceangal a ghlèidheadh airson an leughaidh air a shruthadh beò ach feumaidh sibh clàradh tro duilleig-lìn fa leth air Crowdcast a thathar a’ sealltainn an seo. Thèid an tachartas a shruthadh beò an-asgaidh ach cha bhi e ri fhaotainn ri shealltainn air an dèidh làimhe.**

‘Tha mi ’g iarraidh àite cruthach nan leabharlannan a chomharrachadh agus an t-saothair agam a thoirt air ais ann an àiteachan a tha air uimhir a thoirt dhomh.’

Tha e san amharc aig Sìm Armitage, Bàrd-cùirte na Rìoghachd, tadhal air Leabharlann-siubhail Uibhist, Lachaidh, agus i a’ riarachadh leabhraichean ann an Càirinis agus àiteachan eile ann an Uibhist a Tuath mar chuid de sheirbheis nan leabharlannan-siubhail aig Comhairle nan Eilean Siar.

Is e cuairt Shìm an ìre mu dheireadh den dara ceum de Thuras nan Leabharlannan le Bàrd-cùirte na Rìoghachd, oidhirp fad deich bliadhna gus tadhal air leabharlannan air feadh na RA gach earrach, bho leabharlannan suaicheanta nam bailtean-mòra gu leabharlannan beaga a’ frithealadh air coimhearsnachdan air an dùthaich agus air an oir. A’ cleachdadh na h-aibisidh mar chombaist, comharraichidh turas Shìm an leabharlann mar aonan de na stèidheachaidhean a tha mòr agus feumail. 

An dèidh dha tadhal air Leabharlann-siubhail Uibhist, nì Sìm leughadh aig Taigh Chearsabhagh le aoigh sònraichte, an sgrìobhadair is am bàrd cliùiteach à Innse Gall Caoimhin MacNèill. 

Leughaidh Sìm a chuid bàrdachd air a sgrìobhadh anns a’ Bheurla agus nochdaidh Caoimhin beagan den t-saothair aige air a dèanamh ann an Gàidhlig. 

Faodaidh tu tighinn còmhla rinn airson an tachartais shònraichte seo ann an dà dhòigh. Ma tha thu ag iarraidh nochdadh aig Taigh Chearsabhagh agus a bhith san luchd-èisteachd bheò, cuir tiogaid an-asgaidh an dara taobh gu h-ìseal air an duilleig seo. Ma bhios tu a’ fuireach a-staigh, gheibh thu an leughadh slàn beò air a shruthadh beò ach feumaidh tu clàradh tro duilleig-lìn fa leth air Crowdcast a thathar a’ sealltainn an seo. Thèid an tachartas a shruthadh beò an-asgaidh ach cha bhi e ri fhaotainn ri shealltainn air an dèidh làimhe. 

Cuiridh Taigh Chearsabhagh biadh is deoch air dòigh san ionad-bhidhe againn. Ma bhios tu a’ tighinn airson an taisbeanaidh bheò, bidh na dorsan fosgailte bho 7.15f gus am faod a h-uile duine a bhith cofhurtail agus air an socair ann an àm airson toiseach gnothaich aig 7.30f. 

Comhairle mu Luchd-èisteachd an Turas: Aois 11+ (faodaidh gum bi cainnt bhorb ann).

Stiùireadh mu chleachdadh Crowdcast: thoir sùil an seo

Rugadh agus thogadh Bàrd-molaidh na Rìoghachd Sìm Armitage ann an Siorrachd Eabhraic an Iar. Tha e air iomadh duais a chosnadh, Bonn-òir na Banrigh airson Bàrdachd nam measg agus Duais PEN airson Eadar-theangachaidh. Tha e air còrr is dusan cruinneachadh-bàrdachd fhoillseachadh, Magnetic Field nam measg agus tionndaidhean  barraichte de sgeulachdan nan Linntean Meadhanach Sir Gawain and the Green Knight agus The Owl and the Nightingale.  Tha e air dà nobhail a sgrìobhadh agus dà leabhar neo-fhicsein: All Points North, Walking Home agus Walking Away.  Agus e a’ craoladh gu cunbhalach, bidh  Armitage a’ cur an làthair sreath BBC Radio 4 The Poet Laureate has Gone to his Shed air a bheil fèill mhòr.   Tha e a’ sgrìobhadh fad’ is farsaing airson telebhisean is radio, agus o chionn ghoirid Where Did The World Go, A Pandemic Poem air BBC 2.    Agus e na neach-dràma urramach, chaidh an dealbh-cluiche leis The Last Days of Troy a riochdachadh aig Globe Shakespeare. The a’ sgrìobhadh, a’ clàradh is a’ cluich leis a’ chòmhlan LYR agus tha e air Duais Ivor Novello a ghleidheadh airson òrain a dhèanamh. Tha Armitage na Ollamh ri Bàrdachd aig Oilthigh Leeds. Tha an leabhar-breithneachaidh leis  A Vertical Art a’ toirt còmhla nan òraidean beothail is tarraingeach bhon àm a bha e na Ollamh ri Bàrdachd aig Àth nan Damh (2015 gu 2019). www.simonarmitage.com

Rugadh is thogadh Caoimhin MacNèill/Kevin MacNeil anns na h-Eileanan an Iar. Bidh e a’ dèanamh bàrdachd agus a’ sgrìobhadh nobhailean, sgeulachdan-goirid, dealbhan-cluiche, is eile. Am-measg nan leabhraichean aige tha Love and Zen in the Outer HebridesThese Islands We Sing, agus The Brilliant & Forever. Sgrìobh e am film Hamish: The Movie, is bidh an obair-sgrìobhaidh a’ nochdadh air telebhisean is rèidio bho àm gu àm. Tha e air grunn duaisean litreachais a bhuannachadh. Tha Caoimhin na òradaiche aig Oilthigh Shruighlea. www.kevinmacneil.me/

Faodar caipseanan beò (dìreach sa Bheurla) a chur air dòigh airson tachartasan Crowdcast tro Settings anns an dreach as ùire de bhrabhsair Chrome. 

Turas Leabharlannan Bàrd-cùirte na Rìoghachd 2022 – Poileasaidh mu Phrìobhaideachd

Le taing shònraichte do Eilidh NicIlleathain, Kathleen Milne, agus Leabharlannan nan Eilean Siar airson a bhith ag obair cho cruaidh gus an tachartas seo a thoirt a dh’Uibhist. Tha Turas Leabharlannan C gu D ga mhaoineachadh gu coibhneil le Urras T. S. Eliot, Mark Pigott KBE, agus Faber & Faber.