Home > Event > Ùineach reFresh: Studio Vans

Ùineach reFresh: Studio Vans

Airson an taisbeanadh reFresh, agus mar phàirt de Làn-Thìde, Leus-mara na Gnàth-shìde ann an Innse Gall, the Taigh Chearsabhagh a’ cumail ùineachan cruthachail air mhuinntireas ann an co-bhann ri Ceòlas agus Cothrom/ReStore.

Tha na h-ùineachan seo air mhuinntireas a’ ceasnachadh caitheamh agus saothrachadh, le gach neach air mhuinntireas ri bhith a’ co-obrachadh le coimhearsnachdan ionadail gus deuchainn a dhèanamh air stuth-caitheimh. Bheir sinn leasachadh còmhla air sgilean is modhan-obrach tro bhùthan-obrach an-asgaidh gan cumail ann an Uibhist a Tuath, ann am Beinn na Fadhla agus ann an Uibhist a Deas.

Tha Studio Vans na studio ri dealbhadh is togail stèidhichte ann am Beinn na Faoghla anns na h-Eileanan Siar. Tha iad a’ toirt seachad siostam tionnsgalach stàlaidh do luchd-cleachdaidh gus bhanaichean a dhèanamh mar bhanaichean-campachaidh, an dà chuid air an dèanamh ann an Uibhist agus ann an co-obrachadh le luchd-dealbhaidh is luchd-ealain barraichte air feadh an t-saoghail. Tha modalan sgeadachaidh air an taobh a-staigh gan toirt seachad mar bhriog a-steach is briog a-mach agus tha iad a’ freagairt air modal sam bith de bhanaichean. A bharrachd air cleachdadh stuth seasmhach is air ath-chuairteachadh, tha obair le Studio Vans ‘ga dèanamh gus a bhith nas buaine na a’ bhana fhèin, a’ toirt dùbhlan air luchd-cleachdaidh tighinn san oidhirp gus brùchdadh a’ charboin a lùghdachadh agus na modalan a thoirt leotha, a’ cur a’ bhathair mun cuairt agus a’ lùghdachadh caitheamh.

Air a sguabadh na mìltean de mhìltean ann an Siabadh a’ Chuain Mhòir a Tuath agus ga chur air tìr gus briseadh gu slaodach ann am mìrean nas lugha a’ fàs nas cunnartaiche fad an t-siubhail, tha Plastaig a’ Chuain na bagairt dhìreach air bith-eugsamhlachd bhrisg agus sluagh nan Eilean. Le bhith ag ath-chuairteachadh Plastaig a’ Chuain, the san amharc aig Studio Vans mothachadh a dhùsgadh gus caitheamh plastaig a lùghdachadh, sabaid ri làrach mhòr a’ charboin an lùib saothrachadh plastaig agus an droch bhuaidh a bheir plastaig a’ dol mun cuairt nan cuantan a mhaothachadh. 

Sa bhùth-obrach aig reFresh aca, cuiridh Studio Vans na tha an làthair an sàs ann an ath-chuairteachadh plastaig, a’ tòiseachadh le togail an stuth amh far a’ chladaich san sgìre agus a’ tighinn gu crìch le saothrachadh nithean feumail ùra aig bùth-obrach Studio Vans ann am Baile a’ Mhanaich ann am Beinn na Faoghla. Spreagaidh a’ bhùth-obrach deasbad air ceistean mun àrainneachd, èic-eòlach agus sòisealta mu Phlastaig a’ Chuain a gheibhear air feadh Uibhist agus bheir i an cothrom an stuth amh seo a ghiullachd agus ath-chuairteachadh a’ cleachdadh innealan proifeiseanta.

Bidh a’ bhuidheann-obrach a’ ruith bho 10m gu 5f 26 Màrt aig bùth-obrach Studio Vans, aig 4 Raon-gnìomhachais Eubhail, Baile a’ Mhanaich, Beinn na Faoghla, HS7 5AD.

Bidh deochan teth rim faotainn dha na h-uile, agus tha thu di-beathte criomagan is lòn a thoirt leat airson àm-brisidh.

Ma tha thu airson tighinn dhan bhuidhinn-obrach an-asgaidh seo le Studio Vans, cuir tiogaid an dara taobh a’ cur feum air an fhoirm-chlàraidh gu h-ìseal. 

Cò a th’ ann an Studio Vans?

Do Rob Hall, cha robh a bhith a’ tòiseachadh bhanaichean-campachaidh dìreach mu dheidhinn a bhith a’ cruthachadh àiteachan nam brodadh-inntinn – do Rob tha e a’ bualadh air nas urrainn do shiubhal dèanamh dhuinn; mar a dh’fhaodas e ceanglaichean ri cultaran eile agus ris an àrainneachd againn a chruthachadh, agus mura bheil e a’ dol thar na còrach, mar a dh’fhaodadh e leasachadh a thoirt air an dòigh ris an gabh sinn gnothach ris a’ phlanaid anns an fharsaingeachd. Tha Rob dealasach a thaobh a bhith a’ toirt dhaoine còmhla: luchd-cleachdaidh, coimhearsnachdan, luchd-dealbhaidh, luchd-cruthachaidh, luchd-ealain agus innleadairean gus coimhearsnachd Studio Vans a spreagadh gus buaidh dheimhinneach a thoirt le bhith a’ siubhal an rathaid.

An dèidh dha ceum a thoirt a-mach à Sgoil-ealain Ghlaschu ann an 2021, thill Calum MacFhearghais ri dachaigh an teaghlaich ann an Uibhist a Tuath far an deach e air mhuinntireas mar Neach-dealbhaidh agus Neach-cruthachaidh aig Studio Vans. Tha ùidh aig Calum ann a bhith a’ cruthachadh barrachd cuairteachaidh sna nithean ris am bean sinn agus àiteachan far am faod daoine ceangal ris an àrainneachd nàdarra. Tha ceanglaichean làidir ri daoine is àite ag èirigh à bhith ri croitearachd, surfadh agus siubhal fad a bheatha. A bharrachd air eòlas bho bhith na oileanach aig Sgoile-ealain Ghlaschu, tha dòigh thionnsgalach is chruthachail aig Calum na chuid obrach aig Studio Vans.

Rinn Tara Drummie imrich dha na h-Eileanan aig toiseach 2020, thug i ceum den Chiad ìre a-mach ann an Dealbhadh-conaltraidh aig Sgoil-ealain Ghlaschu ann an 2021, a’ gleidheadh Duais an Oilthighe airson Seasmhachd. Ghabh Tara ri dreuchd Co-òrdanaiche Conaltraidh is Neach-cruthachaidh aig Studio Vans san t-Sultain an-uiridh, a’ toirt cho-obrachaidhean cruthachail ionadail còmhla, a’ ceangal ris na coimhearsnachdan agus a’ cur air adhart mothachadh mu bhathar. Tha ùidh mhòr aig Tara ann an tional, giullachd is ath-chuairteachadh plastaig a gheibhear air cladaichean Uibhist, a’ cruthachadh nithean feumail a chuireas an cèill feumalachd a’ ghoireis a tha, duilich ri ràdh, cho pailt anns an sgìre, a’ brosnachadh lùghdachadh air caitheamh plastaig.