Airson an taisbeanadh reFresh, agus mar phàirt de Làn-Thìde, Leus-mara na Gnàth-shìde ann an Innse Gall, the Taigh Chearsabhagh a’ cumail ùineachan cruthachail air mhuinntireas ann an co-bhann ri Ceòlas agus Cothrom/ReStore.
Tha na h-ùineachan seo air mhuinntireas a’ ceasnachadh caitheamh agus saothrachadh, le gach neach air mhuinntireas ri bhith a’ co-obrachadh le coimhearsnachdan ionadail gus deuchainn a dhèanamh air stuth-caitheimh. Bheir sinn leasachadh còmhla air sgilean is modhan-obrach tro bhùthan-obrach an-asgaidh gan cumail ann an Uibhist a Tuath, ann am Beinn na Fadhla agus ann an Uibhist a Deas.
—
Tha Sue Barclay na neach-ealain lèirsinneach agus na neach-teagaisg a tha a’ tighinn còmhla rinn gus obair-aodaich air a caitheamh a sgrùdadh. Bidh i a’ cruthachadh saothair-ealain collage ann an co-obrachadh air spreagadh leis sn ùine a chuir i seachad ann an Uibhist a Tuath, a’ cur feum air stuth-caitheimh a fhuaireadh gu h-ionadail.
Tha i air a bhith ag obair na neach-ealain dhealbhan dhaoine, dhealbhan-tìre agus figearail, agus o chionn beagan bhliadhnaichean tha i air a bhith a’ cruthachadh saothair-ealain collage air a peantadh a nochdas mar a bheir i freagairt imfhiosach is mhothachail air an àrainneachd aice air an taobh a-staigh is an taobh a-muigh. A bharrachd air an obair-ealain aice, tha Sue a’ teagasg Dòigh MhicAlasdair agus Amalachas Faireachail Innsgineach®.
—
Sa bhùth-obrach reFresh aice treòraichidh Sue luchd-pàirteachaidh agus iad ag obair nan aonar agus còmhla gus an cuid collage co-obrachail fhèin a chruthachadh, a’ dèanamh feum de dh’obair-aodaich, de phàipear, de chairt agus stuth eile air a chaitheamh. Thèid a’ bhùth-obrach a chumail aig Gailearaidh 2 aig Taigh Chearsabhagh, a’ gnìomhachadh an taisbeanaidh mar àite airson deasbad cruthachail is breithneachail.
Thèid cuireadh a thoirt do luchd-pàirteachaidh leigeil len cuid fhreagairtean imfhiosach is mothachail air an àrainneachd is a’ bheatha aca san eilean gus an t-saothair seo a spreagadh; bidh cothrom ann na freagairtean seo a sgrùdadh a’ cleachdadh caochladh dhòighean a thaobh comharrachaidh is cruthachaidh.
The e san amharc gun toir a’ bhùth-obrach seo sealladh ùr air mar a thathar a’ dèanamh ealain; chan eil a dhìth gus dol an sàs ach a bhith fosgailte mun chothrom dòighean ùra a lorg an dòigh fa leth a th’ agad gus do nochdadh fhèin ann an ealain a thuigsinn … agus beagan fealla-dhà a ghabhail cuideachd!
Bidh a’ bhùth-obrach a’ ruith bho 10.30m gu 4f Disathairne 19 Màrt, le lòn aig 1.30f. Bidh deoch theth ri faotainn do na h-uile, ach bidh an taigh-bidhe dùinte a rèir uairean a’ gheamhraidh. Thoir fa-near gum bi agad ri lòn a thoirt leat dhut fhèin.
Ma tha thu ag iarraidh tighinn dhan bhùth-obrach seo an-asgaidh le Sue, nach cuir thu tiogaid air dòigh tron fhoirm-chlàraidh gu h-ìseal.
—
Fios do luchd-pàirteachaidh
Stuth-caitheimh agus stuth ath-chuartachaidh a thogas tu agus a bheir thu leat dhan bhùth-obrach
Obair-aodaich, pàipear no cairt-bhòrd de sheòrsa sam bith. Dh’fhaodadh seo a bhith mar bhogsaichean no pacaidean cairt-bhùird, pàipearan-naidheachd, irisean, dealbhan nach eilear ag iarraidh, sreang, snàth, aodach, siotaichean … agus mar sin air adhart.
Bi cruthachail agus thoir leat càil sam bith a tha thu ag iarraidh a dh’fhaodadh tu cleachdadh nad bheachd, no a bhiodh cuideigin eile ag iarraidh cleachdadh.
