Airson an taisbeanadh reFresh, agus mar phàirt de Làn-Thìde, Leus-mara na Gnàth-shìde ann an Innse Gall, the Taigh Chearsabhagh a’ cumail ùineachan cruthachail air mhuinntireas ann an co-bhann ri Ceòlas agus Cothrom/ReStore.
Tha na h-ùineachan seo air mhuinntireas a’ ceasnachadh caitheamh agus saothrachadh, le gach neach air mhuinntireas ri bhith a’ co-obrachadh le coimhearsnachdan ionadail gus deuchainn a dhèanamh air stuth-caitheimh. Bheir sinn leasachadh còmhla air sgilean is modhan-obrach tro bhùthan-obrach an-asgaidh gan cumail ann an Uibhist a Tuath, ann am Beinn na Fadhla agus ann an Uibhist a Deas.
Tha an t-Oll. Tawyna Selene Renelle na sgrìobhadair tionnsgalach agus na neach-oideachaidh ri sgrìobhadh cruthachail à Bellingham, Washington ann an SAA. Tha i a’ fuireach an-dràsta ann an Glaschu, far an do chuir i crìoch air an DFA aice ann an Sgrìobhadh Cruthachail aig Oilthigh Ghlaschu. Anns a’ Chèitean 2019 dh’fhoillsich i an duanaire aice this exquisite corpse le Clò Chala an Tùir.
Agus i stèidhichte ann an Uibhist a Tuath, bidh an neach-ealain is neach-oideachaidh Margaret Joan NicÌosaig a’ cleachdadh ghnìomhan làitheil gus tìm a chruthachadh gus beachd a ghabhail air tìm, àite agus bith. Tha obair a’ phàipeir aig Margaret Joan a’ rannsachadh sgrìobhainnean agus àrc-eòlas, far am bheil am fios aig a’ phàipear agus DNA ar sgeòil na bhroinn, rudeigin nas motha na taic gun urra.
Bidh Tawnya agus Margaret Joan ag obair ann an còmhradh gus pàipear air a chaitheamh agus fuighleach dachaigheil eile a sgrùdadh le bhith a’ dèanamh pàipear agus tro sgrìobhadh cruthachail.
—
Airson bùth-obrach reFresh aca, cumaidh Tawnya agus Margaret Joan obair ann an dà leth thairis air dà fheasgar. Ionnsaichidh luchd-pàirteachaidh mar a nì iad pàipear agus teacsa a chruthachadh an uair sin a’ cruthachadh còmhradh farsaing eadar stuth agus luchd-saothrach. Thèid a’ bhùth-obrach a chumail aig Gailearaidh 2 aig Taigh Chearsabhagh, a’ gnìomhachadh an taisbeanaidh mar àite airson deasbad cruthachail is breithneachail.
Bidh a’ bhùth-obrach a’ ruith bho 2f gu 5f Disathairne 16 agus Didomhnaiche 17 Giblean. Bidh deoch theth ri faotainn do na h-uile.
Ma tha thu ag iarraidh tighinn dhan bhùth-obrach seo an-asgaidh le Margaret Joan agus Tawnya, nach cuir thu tiogaid air dòigh tron fhoirm-chlàraidh gu h-ìseal.
Disathairne
Agus tu air do stiùireadh tro gach ìre la Margaret, cruthaichidh tu pàipear air ath-chuartachadh bho sgudal de phàipear no de chairt air a thional thu a bheir thu leat dhan bhùth-obrach bho thimcheall an taighe. Faodar pàipear a dhèanamh ann an sreathan agus nì sinn deuchainnean gus mìrean beaga – obair-aodaich, snàithean, no sìl gan cur eadar sreathan no fiù gam filleadh a-steach dhan ghlaodhan fhliuch – a thoirt a-steach.
Didòmhnaich
Ciamar a dh’fhàsas na nithean air a bheil gaol againn gus a bhith nan riochdachadh oirnn fhèin? Ma dh’èisteas sinn riutha dlùth gu leòr, dè na sgeulachdan a dh’fhaodadh iad innse dhuinn? Thig còmhla ri agus i gad threòrachadh tro shreath de dh’eacarsaichean spòrsail is deuchainneach ann an sgrìobhadh cruthachail gus an tèid thu an sàs agus an gabh thu beachd ann an dòigh ùr air na nithean nar beatha.