Home > Event > UistFilm Presents: Heading West

Title "HEADING WEST a story about a band called Shooglenifty" against a dark background and a photo of the Mehrangarh Fort and a small image of Angus Grant.

UistFilm Presents: Heading West

Làrach-lìn Heading West: A story about a band called Shooglenifty

Nuair a chaochaileas prìomh neach-ciùil aig còmhlan, an urrainn do na buill eile cumail a’ dol às aonais?  

Còmhla airson còrr is cairteal linn agus air am meas air feadh an t-saoghail, tha an còmhlan Albannach, Shooglenifty, troimhe chèile nuair a tha Aonghas, am fìdhlear aig aghaidh a’ chòmhlain, a’ fàs meadhanach agus a’ bàsachadh an ceann beagan mhìosan.

A’ tòiseachadh le consairtean subhach ann an Glaschu agus Galicia, tha an còmhlan a’ coimhead air ais air an eachdraidh fhada aca, a’ meòrachadh air a’ cheòl a dh’fhàg Aonghas aca, agus – le beagan taic bho chàirdean le fìdhlean – a’ faighinn tro bhliadhna de chaoidh agus fèin-sgrùdadh.  Mar phàirt den phròiseas, tha iad a’ dèanamh luaidh air an neach-ciùil nach maireann, tro chlàradh dhruidhteach bhon Mehrangarh Fort, Rajasthan.  Air tilleadh a dh’Alba, tha iad a’ tuigsinn gu bheil ceòl dhà-rìreabh a’ mairsinn beò.

‘This is a remarkable film, a truly emotional journey’ – Alan Morrison

Tha UistFilm Presents air ais le sreath de chòig fhilmichean gan sealltainn ann an Talla Chàirinis, a’ tòiseachadh le Heading West. Tha sinn a’ tòiseachadh structar Pàigh na Thogras Tu airson tiogaidean, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh.  Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dhealbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.

Faodaidh sibh cuideachd tiogad fad seusan a thaghadh airson £32, is gheibh sibh a-staigh gu gach fear de na còig filmichean mìosail chun na h-Ògmhios.  Tha UistFilm air a’ phrògram a leanas a thaghadh: 

25 Gearran – Heading West

25 Màrt – Winners

29 Giblean – This Changes Everything

27 Cèitean – Aftersun 

24 Ògmhios – My Old School 

Thoiribh fa-near gu bheil teisteanas 12A aig film Heading West.

Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh iarraidh a’ chuairt-litir ùr aig UistFilm an seo.