Sgeulachd iongantach, fìor, mun mhealltair as ainmeile ann an Alba. ’S e bhliadhna 1993 a th’ ann agus ’s e Brandon, aois 16 bliadhna, an gille ùr san sgoil. Chan eil e fada gus a bheil e air thòiseach sa chlas, a’ soirbheachadh aig deuchainn agus fiu ’s na phrìomh chleasaiche aig dealbh-chluich cheòlmhor na sgoile. ’S e sgoilear foirfe a th’ ann, gus am faighear a-mach gu dìreach cò e…
Anns a’ bhliadhna 1993, chlàraich Brandon Lee, aois 16 bliadhna, aig Acadamaidh Bearsden, àrd-sgoil ann an iomall bhaile math dheth de Ghlaschu. Bha na thàinig thairis air an ath dà bhliadhna coltach ri fionnsgeul. Bha Brandon air oideachadh phrìobhaideach fhaighinn ann an Canada fhad ’s a bha e a’ siubhal air chuairt le mhàthair, seinneadair opera ainmeil, mus do chaochail i gu muladach. Chuir an sgoilear mì-nàdarrach comasach seo iongnadh air na tidsearan aige, le bhith a’ gluasad aig astar a dh’ionnsaigh a mhiann faighinn a-steach gu ionnsachadh meidigeach, is e a’ sealltainn beairteas eòlais fada air thoiseach air aois. Thog Brandon càirdean ged a bha e leibeideach an toiseach. Ghabh e cùram sgoilearan fo bhurraidheachd, thug e seann chòmhlain-ciùil mòr-bhuadhach gu aire sgoilearan eile, agus nochd e fiù ’s anns an taisbeanadh South Pacific aig an sgoil. Ach an uairsin chaidh an rùn-dìomhair do-chreidsinneach aige fhoillseachadh.
Tha am filmeadair Jono McLeod a’ tilleadh don t-seann sgoil aige airson sùil air ais thioma a thoirt air an sgeulachd annasach agus fìor seo, air a sheann cho-sgoilear, Brandon Lee. A’ cleachdadh dealbhan-beò spòrsail agus sònraichte don àm, cleachdadh fuaim foirfe, cuimhneachain sgoilearan is luchd-teagaisg, agus tàlant Alan Cumming airson an sgeul a thoirt beò, tha MY OLD SCHOOL a’ tabhann barrachd na aon iongnadh air an t-slighe.
“Tha sgeul am measgachadh film aithriseach/beò-dhealbhach seo na sheudag àraid, sgeulachd mhòr air innse le sunnd eas-urramach agus gu math taitneach.”- Screen Daily
“Tha an sgeulachd neo-chreidsinneach seo.. ro mhath airson a chumail a-staigh.” – Salon
“Lèir-ghlacach, smuainteach, drùidhteach agus tric èibhinn.” – Daily Express
–
Tha UistFilm Presents a’ tabhann sreath fhilmichean mìosail, air an Disathairne mu dheireadh den mhìos, ann an Talla Chàirinis. Tha sinn air ar dòigh My Old School a shealltainn.
Tha sinn a’ tòiseachadh structar Pàigh na Thogras Tu airson tiogaidean, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh. Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dhealbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.
Filmichean a chaidh an sealltainn mar thà
25 Gearran – Heading West: a story about a band called Shooglenifty
25 Màrt – Winners
29 Giblean – This Changes Everything
3 Ògmhios – Aftersun
—
Thòisich Jomo McLeod a chùrsa-beatha mar fhear-naidheachd air scrin airson naidheachdan Tbh na h-Alba mus do ghluais e gu air cùlaibh a’ chamara aig BBC Scotland. Bhon uair sin tha e air filmichean aithriseach agus prògramman fìrinneach a stiùireadh airson gach lìonra Tbh mòr san Rioghachd Aonaichte.
Chaidh a’ chiad film goirid aige, BEING STAVROS, a mholadh an lùib luchd-èisteachd aig grunn prìomh fhèisean film gèidh, nam measg bha Los Angeles Outfest, San Francisco Frameline, Toronto Inside Out agus Moscow Side by Side. ’S e MY OLD SCHOOL a’ chiad film nas fhaide aige.
Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh iarraidh a’ chuairt-litir aig UistFilm an seo.