Air a chlàradh thairis air 211 laithean filmeadh ann an naoi dùthchannan agus còig mhòr-thìrean thairis air ceithir bliadhna, tha This Changes Everything na mhòr-oidhirp air smaoineachadh às ùr air dùbhlan àibheiseach atharrachadh na gnàth-shìde.
Dè ma ’s e a bhith a’ cur aghaidh air èiginn na gnàth-shìde an cothrom as fheàrr a bhios againn gu bràth airson saoghal nas fheàrr a chruthachadh?
Air a’ stiùireadh le Avi Lewis, agus air a bhrosnachadh le leabhar neo-fhicsean aig Naomi Klein, This Changes Everything, air a bheil fèill mhòr gu h-eadar-nàiseanta, tha am film a’ taisbeanadh seachd dealbhan chumhachdach air coimhearsnachdan aig aghaidh gnothaich, bhon Powder River Basin ann am Montana gu Tar Sands ann an Alberta, bho oirthir nan Innseachan a Deas gu Beijing agus nas fhaide. Tha aithris Klein air fhighe a-steach le sgeulachdan na strì seo, a’ ceangal a’ charbon san adhar leis an t-siostam eaconomach a chur ann e.
Tron fhilm air fad, tha Klein a’ togail air a’ bheachd as connspaidiche agus as inntinniche aice: gun urrainn dhuinn grèim fhaighinn air èiginn bitheil atharrachadh na gnàth-shìde airson cruth atharrachadh a thoirt air an t-siostam eaconomach againn a tha air fàilligeadh, gus rud fada nas fheàrr a chruthachadh.
–
Tha UistFilm Presents a’ tabhann sreath fhilmichean mìosail, air an Disathairne mu dheireadh den mhìos, ann an Talla Chàirinis. Tha sinn toilichte This Changes Everything (stèidhichte air an leabhar le Naomi Klein) a shealltainn.
Tha sinn a’ tòiseachadh structar Pàigh na Thogras Tu airson tiogaidean, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh. Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dhealbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.
Tha mionaideachd agus beairteas an fhlimeadh ann an This Changes Everything a’ toirt seachad mòr-chanabhas airson an sgrùdaidh seo air an dùbhlan as motha nar beatha. Eu-coltach ri pìosan obrach eile mu èiginn na gnàth-shìde, chan eil am film seo a’ feuchainn ris eagal a chur air an luchd-amhairc airson rudeigin a dhèanamh: tha e a’ feuchainn ri comas cumhachd a thogail unainn.
Buaireasach, cumhachdach, agus fosgailte fiù ’s do luchd-amhairc a tha sgìth de chonnspaid na gnàth-shìde, bheir This Changes Everything ùrachadh is brosnachadh dhut, a’ meòrachadh air na ceanglaichean eadarainn, air an t-seòrsa beatha a tha sinn dha-rìreabh ag iarraidh, agus carson a tha èiginn na gnàth-shìde am meadhan sin uile.
An atharraich am film seo a h-uile sian? Dha-rìreabh chan atharraich. Ach dh’fhaodadh tusa; le bhith a’ freagairt a’ ghairm gu gnìomh.
Prògram UistFilm: Filmichean ri thighinn
3 Ògmhios – Aftersun
24 Ògmhios – My Old School
Filmichean a chaidh an sealltainn mar thà
25 Gearran – Heading West: a story about a band called Shooglenifty
25 Màrt – Winners
Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh iarraidh a’ chuairt-litir aig UistFilm an seo.