Home > Event > Visual Virtuoso: Seirm Cian

Four musicians are in a school sports hall for a performance. Juan Rodriguez plays the bassoon as the others look on.

Visual Virtuoso: Seirm Cian

Tha ceòl air siubhal tro thìm agus gun chrìochan, mairinneach mar chànan agus anam a’ chinne-daonna.  A thaobh cultair, tha e a’ riochdachadh ar buainteanas chultarail aig an ìre as motha, a’ ceangal ghinealaichean agus a’ cruthachadh fèin-aithne an lùib bhuidhnean.  Tha ceòl air a dhol làimh ri gnìomh an duine o shean; shiubhal e na phòcaid air feadh an t-saoghail, ag obair mar nneal airson pàirt a ghabhail ann an cultar chuideigin eile, a’ toirt comas air astaran tro fhuaimean agus ag ath-chruthachadh daoine beag-shealladh gu bhith ag aisling tron latha.

Tha sinne, ceòl-triùir gaoth-ionnsramaid, air ar brosnachadh le comasan 3 ionnsramaidean a tha a’ dol an-aghaidh a chèile, a’ toirt thugaibh measgachadh ciùil bho air feadh an t-saoghail. ’S iad an duiseal, clàirneid agus torm-fheadan, ionnsramaidean aig a bheil diofar timbre, dathan, meudan agus uidheaman, na h-eileamaidean bunaiteach a nì taisbeanadh air ceòl a chaidh a chruthachadh fad às, coltach rinn fhèin.  

Luchd-ciùil:

Juan Rodriguez (torm-fheadan)

Jennifer Moss (clàirneid)

Sarah Canzonetta (duiseal)

Am measg an taisbeanaidh bidh beò-dhealbhan air an dèanamh le Cat Bruce le caractaran agus suidheachaidhean a chruthaich sgoilearan Clas 7 aig Sgoil Uibhist a Tuath, Sgoil Bhaile a’ Mhanaich, Sgoil an Iochdair agus Sgoil Dhalabroig mar phàirt de Virtual Virtuoso, pròiseact ciùil agus beò-dhealbhadh an lùib prògram Captivate aig Beò-dhealbhadh Pupaidean Alba

Chan eil mòran àiteachan ann airson an tachartas seo is mar sin bu chòir dhuibh àite a ghlèidheadh tron t-siostam gu h-ìosal, cho luath ’s as urrainn dhuibh.

Bidh Cat a’ ruith seisein neo-fhoirmeil do luchd beò-dhealbhachaidh ann an stiùideothan UHI nas tràithe air an latha. ’S e cothrom a tha seo do dh’oileanaich agus do luchd-ealain phròifeiseanta na gnìomhan aca a roinn le chèile ann an àrainneachd socrach.  Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo

 

Còir deilbhe: Julia Fisher