Thigibh còmhla ri Cat Bruce, stiùiriche agus beò-dhealbhadair às a’ Ghàidhealtachd a tha air duaisean a chosnadh airson a cuid obrach, is i gus seisean neo-fhoirmeil a chumail airson beò-dhealbhadairean. Bidh seo na chothrom do dh’oileanaich agus do luchd-ealain phroifeiseanta na gnìomhan aca a roinn le chèile ann an àrainneachd shocrach.
Faodaidh tu obair sam bith a thoirt leat airson a shealltainn don bhuidhinn, agus faodaidh Cat beachdan a thoirt dhuibh air, a bharrachd air ceistean a fhreagairt mun obair aice fhèin. Bidh Cat an seo anns na h-eileanan mar phàirt de Visual Virtuoso, pròiseact ciùil agus beò-dhealbhadh an lùib prògram Captivate aig Beò-dhealbhadh Pupaidean Alba, cuide ri Diane Thornton a tha na h-Oifigear Pròiseact aig Pròiseact Captivate. Bruidhinnidh Cat agus Diane mun phròiseact agus an obair a tha iad a’ dèanamh le sgoiltean ionadail.
Thèid beò-dhealbhan air an dèanamh le Cat Bruce, le caractaran agus suidheachaidhean a chruthaich sgoilearan Clas 7 aig Sgoil Uibhist a Tuath, Sgoil Bhaile a’ Mhanaich, Sgoil an Iochdair agus Sgoil Dhalabroig an sealltainn aig taisbeanadh ciùil beò, Seirm Cian, ann an Taigh Chearsabhagh aig 7.30f air Diciadain 1 Màrt.
Faodaidh sibh tuilleadh fhaighinn a-mach mun obair aig Cat ro làimh, air an làrach-lìn aice, no luchdaich a-nuas an Eachdraidh-beatha Stiùiriche aice an seo: Eachdraidh-beatha Cat Bruce
Còir-deilbhe: Cat Bruce