Taigh Chearsabhagh Taigh-Tasgaidh agus Ionad Ealan

’S e an t-ionad airson ealain agus dualchas ann an Uibhist a th’ ann an Taigh Chearsabhagh. Fad na bliadhna, bidh taisbeanaidhean ealain lèirsinnich, tachartasan bàrdachd agus litreachais, ceòl beò tradaiseanta agus fèilltean beaga. Thig taisbeanaidhean ealain cho-aimsireil a tha aithnichte air feadh an t-saoghail ann; tha taigh-tasgaidh a choisinn duaisean ann; agus, bidh sinn ag obair còmhla ri luchd-ealain, luchd-acadaimigeach agus luchd-sgrìobhaidh gu h-ionadail agus gu h-eadar-nàiseanta.

Bidh sinn ag obair ann am compàirteachas ri Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (air cùrsaichean agus ceuman ann an ealain fhìnealta) agus ri Sabhal Mòr Ostaig, a’ tabhainn cunntais de chùrsaichean mar Ghàidhlig. ’S e buidheann shònraichte a th’ annainn suidhichte ann an sgìre air leth. Tha sinn nar dachaigh do leasachadh nan ealan, dualchais agus eaconamaidh Uibhist a Tuath, agus bidh obair an Ionaid a’ riochdachadh an àite – a’ choimhearsnachd Ghàidhealach agus cànan is cultar na Gàidhlig.

Tha sinn moiteil gur e buidheann fhosgailte a th’ annainn, a’ cur luach air tabhartasan an luchd-obrach, an luchd-èisteachd agus nan coimhearsnachdan ann a bhith a’ cur ris an ionaid. Tha iomadachd agus cothromachd aig cridhe nan amasan againn.

Taisbeanaidhean agus Tachartasan Làithreach

A h-uile disathairne bi Club DiSathairne/ Saturday Club – Buth-Obraich ealain airson clann – a ruith aig Taigh Chearsabhagh. Bho 12:30f – 1:30f tha buth-obrach ann airson clann bho aois 5 – 7 bho 2f – 3f airson clann aois 8+. Tha Club DiSathairne an-asgaidh agus lan fealla-dhà!

Leugh barrachd

Mòran taing do luchd-leantainn RUNRIG gu lèir a bha aig an Dannsa Mu Dheireadh ann an Struighlea air DiHaoine is DiSathairne, agus a thriall an t-astar a dh’Uibhist a Tuath airson sùil a thoirt air tasglann RUNRIG am broinn Taigh-tasgaidh is Ionad Ealain Taigh Chearsabhagh. Abair tachartas sònraichte is dìreach mìorbhuileach a bh’ ann. Cha […]

Leugh barrachd