Taigh Chearsabhagh Taigh-Tasgaidh agus Ionad Ealan

Òran A’ Ghìobair


Coilleagan nan gìobairean agus cunntas nan caorach: Cànan is dualchas is an eaconamaidh air an tuath san àm ri teachdNach tig thu le feadhainn à Alba agus thall thairis airson seminar aon là nuair a chumas Taigh Chearsabhagh cruinneachadh Eòrpach le òraidean, taisbeanaidhean agus filmichean, cho math ri cothroman coinneachadh, obrachadh agus fiosrachadh a sgaoileadh air càch a chèile. Dihaoine 15mh Dàmhair. 9.30m – 5.30f

Mu Ar Deidhinn

Tha Taigh-tasgaidh is Ionad-ealain Thaigh Chearsabhagh na ionad far am faod daoine coinneachadh, beachdan a nochdadh, sgilean ùra ionnsachadh agus eòlas a chur air taisbeanaidhean is tachartasan a tha làn mac-meanmna agus nam brodadh-inntinn.

Tha suidheachadh is àrainneachd an eilein againn gu bunaiteach cudromach airson na h-obrach a bhios sinn a’ dèanamh. Tha an t-àite agus cànan is dualchas na Gàidhlig nam mìr deatamach den ìomhaigh againn.

Tha sinn a’ cur thaisbeanaidhean a bhuineas ri ìomhaighean gluasadach agus dualchas an làthair gu cunbhalach, agus tachartasan beò ciùil, clasaichean-ealain do chloinn is do dh’inbhich, buidhnean luchd-sgrìobhaidh agus prògram foghlaim air a’ bhlàr a-muigh a’ bualadh air na coimhearsnachdan.

Agus e ga shuidheachadh ann an Loch nam Madadh, an caladh a-steach gu Uibhist a Tuath, tha Taigh-tasgaidh is Ionad-ealain Thaigh Chearsabhagh air cladach Làrach Shònraichte de Shùim Shaidheansail (SSSI).

Covid-19

NA H-UAIREAN-FOSGLAIDH AGAINN: DILUAIN GU DISATHAIRNE, 10.00m gu 4.00f.

Tha sinn cho toilichte gu bheil taighean-taisbeanaidh is taigh-bidhe Thaigh Chearsabhagh, a bharrachd air oifis a’ phuist agus a’ bhùth, fosgailte gu h-iomlan airson na coimhearsnachd ionadail againn agus luchd-tadhail don eilean.

Feuch gum bi fios agad, tha an taigh-bidhe dùinte an-dràsta gach Diardaoin. Bidh na gailearaidhean agus a ’bhùth againn fhathast fosgailte gach Diardaoin.

Is e am prìomh uallach a tha oirnn sàbhailteachd an luchd-obrach is an luchd-chleachdaidh againn a dhearbhadh, agus a bhith ag obair gus cuideachadh gus coimhearsnachd an eilein againn a dhìon bho sgaoileadh Covid-19. Tha ceuman a thaobh sàbhailteachd a rèir stiùireadh Riaghaltas na h-Alba an-dràsta an gnìomh air feadh an togalaich againn. Tha sinn ag iarraidh gun gabh luchd-tadhail spèis do na modhan againn a thaobh sàbhailteachd agus cumail riutha. Bidh luchd-obrach uile Thaigh Chearsabhagh a’ gabhail deuchainn taobh-shruthach agus teòthachd gach là. 

Tha Taigh Chearsabhagh a’ toirt taing dhan choimhearsnachd againn airson taic a chumail rinn agus tha e ag iarraidh air a h-uile duine cumail slàn sàbhailte agus cumail ri ceuman iomchaidh aig an àm dhoirbh seo.

Lines Light Installation

Interactive site-specific light installation by Pekka Niittyvirta & Timo Aho at Taigh Chearsabhagh Museum + Arts Centre