Sreathan Anns A’ Ghainmhich Paperback

£11.99

Only 2 left in stock

Description

Bàrdachd Gàidhlig / Gaelic Poetry. Anns an leabhar seo gheibh sibh taghadh de na rannan s na sreathan a rinn Dòmhnall Meek air iomadach cuspair a tha a buntainn ri a bheatha fhèin, eadar Tiriodh tro na bliadhnachan, coimhearsnachdan an eilein, a Ghàidhlig, a Ghàidhealtachd, càirdean is co-luchd-obrach, daoine is creutairean, dùthchasaich is coigrich, agus an saoghal mòr neònach anns a bheil sinn uile beò an-diugh. Tha iomadh gleus anns na rannan. Tha iad uaireannan sòlamaichte, uaireannan èibhinn, uaireannan brònach, agus uaireannan magail, mar a fhreagras air sealladh Dhòmhnaill. Tha Dòmhnall air a dhòigh nuair a bhios a na shuidhe air an t-seann tractor Ferguson a tha fhathast beò slàn air a chroit ann an Tiriodh Feargaidh mo ruin-sa , mar a tha aige fhèin air ann an òran-gaoil san leabhar seo.