Home > Event > Òraid Ian McHardy: Calanais mar Chosmo-eòlas

Òraid Ian McHardy: Calanais mar Chosmo-eòlas

Calanais mar Chosmo-eòlas: dè thuigeas sinn mun dòigh anns an robh luchd-togail Chalanais a’ faicinn ùine agus fànas?

Tha sinn air ar dòigh fàilte a chur air Ian McHardy gu Taigh Chearsabhagh a thoirt seachad a chuid eòlas is tuigse air Tursachan Chalanais, aig òraid ann an Gailearaidh 2 air Disathairne 28 Gearran, 2f.

Bidh an òraid an-asgaidh ach chan eil mòran àite ann is mar sin bu chòir dhuibh tiogaid a ghlèidheadh cho luath sa as urrainn.

Tha Ian McHardy air a bhith na arc-eòlaiche phroifeiseanta airson 25 bliadhna agus air obrachadh air pròiseactan arc-eòlach ann an Alba, Seallan Nuadh, Afraga, is air siubhal a dh’iomadh àite eile. B’ ann sa bhliadhna 2000 a chaidh e an sàs ann am pròiseactan rannsachaidh ann an Lèodhas an toiseach. Ghabh e gaol air an àite agus bhon uair sin tha e air gluasad ann agus ag obair ann. Choisinn e iar-cheum Maighstireachd ann an arc-eòlas bhon UHI aig àm Covid. An lùib na h-obrach aige tha rannsachadh acadaimigeach, arc-eòlas coimearsalta, arc-eòlas coimhearsnachd agus sgrìobhadh leabhraichean is artaigealan. Fada mus robh e na arc-eòlaichte, bha e air a ghlacadh le Calanais. Chaidh an leabhar-iùil shònraichte aige, ‘Contemplating Calanais’ fhoillseachadh le Urras Leabhar nan Eilean ann an 2024.

Tha an tachartas seo ga thabhann ann an co-bhann ri Metaphysical Cosmologies le Meg Rodger, ga shealltainn ann an Gailearaidhean 1 + 2 ann an Taigh Chearsabhagh an-dràsta, a’ sgrùdadh na dàimh againn leis a’ chruinne, bho thùrsaichean Chalanis, gu reul-eòlas ùr-ghnàthach an là an-diugh.

Chì sibh tuilleadh mun obair seo air duilleag an taisbeanaidh: Metaphysical Cosmologies

’S urrainn dhuibh cuideachd coimhead air clàradh den t-seiminear againn an seo: Seiminear Metaphysical Cosmologies Seminar

Tha Metaphysical Cosmologies ri fhaicinn an-asgaidh ann an Gailearaidhean 1+ 2, an-asgaidh, bho 17 Faoilleach – 28 Màrt, Diluain-Disathairne, 10m-4f. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.