Tha Metaphysical Cosmologies le Meg Rodger a’ sgrùdadh na dàimh againn leis a’ chruinne, bho thùrsaichean Chalanis, gu reul-eòlas ùr-ghnàthach an là an-diugh. Tha e ag amas air togail fhaireachdainn iongnadh, spioradach agus dìomhaireachd a tha sinne san chinne-daonna a’ ceangal leis a’ chosmas, agus soilleireachadh a thoirt air an dorchadas ann an sgrùdadh fànais – truailleadh sholais bho shaidealan agus spruilleach.
Nochd an obair aig Meg Rodger mar thoradh air mhuinntireas dhidseatach bhon RSA, cuide ri UistFilm, agus ùine rannsachaidh is leasachadh air a mhaoineachadh le Alba Chruthachail. Na lùib bha seachdain mar neach-ealain air mhuinntireas aig Amharc-lann Rìoghail Dhùn Èideann sa Ghearran 2025.
An dèidh ro-shealladh fosglaidh air 16 Faoilleach, chaidh seminear a chumail air Disathairne 17 Faoilleach, a’ comharrachadh fosgladh Metaphysical Cosmologies, le film, òraidean agus deasbad. Na lùib bha iomradh air obair Metaphysical Cosmologies bhon neach-ealain Meg Rodger, sgrìneadh bhideothan ùra bhon taisbeanadh, agus òraidean is còmhradh leis an Dtr Alison Sheridan agus an t-Ollamh Andy Lawrence. ‘S urrainn dhuibh coimhead air clàradh den t-seiminear an seo: Seiminear Metaphysical Cosmologies
Ann an co-bhann ri Metaphysical Cosmologies, thug an arc-eòlaiche Ian McHardy seachad òraid ann an Taigh Chearsabhagh air Disathairne 28 Gearran. ‘S urrainn dhuibh èisteachd ri clàradh den òraid an seo: Òraid Calanais mar Chosmo-eòlas
Tha Meg Rodger a’ fuireach agus ag obair air Eilean Bheàrnaraigh. Tha i ag obair gu cruthachail le iongantasan nàdarra, le brosnachadh bho iom-fhillteachd, neart agus bòidhchead nan cuantan is fearann garbh. Leughaibh tuilleadh mun eadar-mhìneachadh chruthachail aig air Metaphysical Cosmologies an seo.
Tha Metaphysical Cosmologies ri fhaicinn an-asgaidh ann an Gailearaidhean 1+ 2, an-asgaidh, bho 17 Faoilleach – 28 Màrt, Diluain-Disathairne, 10m-4f. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

