Tha cafaidh agus taigh-fuine Bhàgh an t-Salainn ann an suidheachadh sìtheil is togarrach, a’ coimhead thairis bàgh Loch nam Madadh, le seallaidhean air beanntan na Hearadh agus seann chidhe Loch Portain. Tha sinn a’ tabhann àite comhfhurtail, càirdeil far am faigh thu blasad air Innse Gall leis an fhuine ùr againn, biadh blasta ionadail anns na rolaichean bracaist is focaccia againn, brot, agus taghadh sònraichte de tì is cofaidh.
Tha an clàr-bìdhe againn ag atharrachadh leis an t-seùsan agus tha sinn ag obair cuide ri lìonra de luchd-sòlar ionadail agus iasgairean a bhios a’ cur taic ri dòighean-obrach beusail agus seasmhach a bhios a’ glèidheadh eag-shiostaman nan cuantan is tìr againn. ‘S e ur n-amas a bhith ag obair cuide ri compàirtichean coimhearsnachd agus luchd-sòlas airson cur ri lìonra bìdhe ionadail do dh’Uibhist a Tuath, far a bheil biadh na mheadhan air coimhearsnachdan a chruthachadh agus a bheathachadh.




Chan fheum sibh bòrd a ghlèidheadh ron àm, tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur oirbh gu Bàgh an t-Salainn againn!
Cliog an seo airson tadhal air a’ Bhùth Air-loidhne againn, coimhead air Goireasan Bùtha agus na h-Uairean Fosglaidh againn.