Home > Na h-Ealain > Even Here, Even Now

Even Here, Even Now

Agallamh Dìleab EHEN

Tha AJ Stockwell na neach-ealain, stèidhichte ann an Uibhist. Tha an obair aca a’ coimhead air an dàimh eadar bhodhaigean daonna agus barrachd-air-daonna, a’ sgrùdadh ciamar a bhios seo a’ nochdadh tro aithrisean fhicseanach, stuthan agus cleachdaidhean. Dh’iarr sinn orra bruidhinn mun ùine aca nan Tagraiche Ealain airson pròiseact Even Here Even Now ann an Uibhist.

Dè thug ort iarrtas a chur a-steach airson a bhith nad Thagraiche Ealain ann an Uibhist?

Bha mi ag aithneachadh cuid de na puingean sa mhanifesto tron eòlas agam fhèin is bha mi ag iarraidh a bhith an lùib an ath cheum seo de EHEN, airson a bhith nam phàirt de leasachadh cò ris a dh’fhaodadh eag-eòlas “nas fheàrr” a bhith coltach ann an Uibhist. Bha an cothrom airson tar-chòmhraidhean eadar choimhearsnachdan ealain ann an eileanan eadar-dhealaichte ann an Alba air leth tarraingeach dhomh, agus na b’ urrainn dhuinn ionnsachadh bho chach a chèile.

Dè tha gad bhrosnachadh a bhith nad neach-ealain sna h-eileanan?

An rud a tha gam bhrosnachadh ann an Uibhist, ’s e a bhith air mo bhogadh ann an eag-eòlas an àite. Bhon shealladh obrach agam, tha e a’ biathadh mo chruthachas agus a’ ceasnachadh na dòighean-obrach agam ann a bhith a’ dèanamh agus a’ smaoineachadh mun obair agam. Tha mi den bheachd gu bheil obrachadh air eilean a’ togail dòigh-smaoineachaidh dèan-fhèin-e. Feumaidh tu na cothroman agad fhèin a chruthachadh, a’ lorg na dòighean agad fhèin airson toirt air rudan obrachadh. Bidh seo a’ nochdadh rudan ùra iongantach a dh’fhaodadh a bhith air a dhol à sealladh.

Dè na dùbhlain sònraichte a tha thu a’ faicinn ann a bhith nad neach-ealain sna h-eileanan?

Tha mi a’ smaoineachadh gur e inntrigeadh an dùbhlan as motha, cothrom air àite stiùidio, stuthan, siubhal. A rèir ’s cò leis a tha thu ag obair, faodaidh e a bhith dùbhlanach àite a ghabhas a chleachdadh a lorg agus stuthan. Bidh mi tric ag obair le creadh, agus ’s e stuth trom a th’ ann airson a ghiùlain agus chan eil e ri fhaighinn gu furasta gu h-ionadail. ’S urrainn do chosgaisean lìbhrigidh a bhith na bhacadh, agus cuideachd tha dùbhlain an lùib a bhith a’ postadh d’ obair bho na h-eileanan. Seo cuid de na cuspairean a chaidh an togail nuair a bha sinn a’ bruidhinn ri luchd-ealain eile ann an Uibhist. Nuair a tha thu a’ cur iarrtas a-steach airson cothroman, tha fhios agad gum bi na cosgaisean agad nas àirde na cuideigin ag obair air tìr-mòr. Cha chreid mi gu bheil seo an-còmhnaidh ga ghabhail a-steach le buidhnean air tìr-mòr agus ’s urrainn dha do chur dheth bho fiù ’s iarrtas a chur a-steach.

Dè as motha a thug bho phrògram EHEN gu ruige seo?

Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil tòrr ri thogail agus ri leasachadh bhon ìre seo de EHEN. Tha misneachd ri fhaighinn bho bhith faicinn cho dealasach sa tha luchd-ealain ann a bhith a’ togail cheanglaichean tro na h-eileanan. Tha tòrr as urrainn dhuinn ionnsachadh bho chach a chèile, a’ neartachadh na coimhearsnachdan ealain againn fhèin agus gan cur seo air adhart an lùib eag-eòlas nas fharsainge na h-ealain an Alba.

Thog mi tòrr bho thachartas ‘EVEN BETTER: Building Your Own Art Scene’, le Low Profile. Sheall seo dhomh gu soilleir na tha againn mar thà, an luach a th’ ann ann a bhith a’ dèanamh rudan sinn fhèin agus ag obair le na goireasan a th’ againn mar tha. Mar eisimpleir, a’ faighinn àiteachan-obrach ionadail air màl agus a’ cur air dòigh mhuinntireasan beaga mar bhuidheann sinn fhèin. Thug e cuideachd dhuinn beachd coimhead airson àiteachan a tha ‘bàidheil do luchd-ealain’, àiteachan ’s dòcha nach do smaoinich sinn air feuchainn roimhe, airson obair a dhèanamh agus a thaisbeanadh gu h-ionadail. 

Ghabh prògram EHEN Uibhist àite ann an Uibhist agus air-loidhne bhon Dàmhair 2024 – Giblean 2025. Chì sibh liosta gu h-ìosal air na tachartasan gu lèir a ghabh àite:

Diciadain 9 Dàmhair –  EVEN US: Manifest/o? Blasad air EHEN, Taigh

Chearsabhagh

Disathairne 7 Dùbhlachd – EVEN US: Pop-up @ Fosgladh taisbeanadh geamhraidh UAA, Taigh Chearsabhagh

Dihaoine 17 Faoilleach – EVEN BETTER: A’ tagradh dhut fhèin, le NEUK Collective, air-loidhne

Dihaoine 7 Gearran – EVEN HERE: Pecha Kucha, Taigh Chearsabhagh

Diciadain 12 Gearran – EVEN BETTER: A’ togail an làrach ealain agaid fhèin, le Low Profile, Cnoc Solleir, Shetland Arts agus air-loidhne

Disathairne 22 Gearran – EVEN BETTER: Obair sheasmhach & bùth iomlaid, Taigh

Chearsabhagh

Diardaoin 27 Màrt – Chan e eilean an th’ ann an neach ealain: lìonra EHEN, air-loidhne

Dihaoine 25 Giblean – Pecha Kucha le luchd-ealain sna h-eileanan, Taigh Chearsabhagh, An Lanntair, Shetland Arts agus air-loidhne

Le taing do Susannah Bolton, Eilidh NicIain, Kathryn Gordon, Andrew Eaton Lewis, Jane Matthews, Bronwyn Mackenzie, Tzipporah Johnston (NEUK Collective, Door in the Wall Arts Access), Rachel Dobbs agus Hannah Rose (LOW PROFILE) & an luchd-ealain uile a ghabh pàirt ann an tachartasan EHEN air feadh nan eilean.

Tha an t-sreath seo de phrògram EHEN a-nis air tighinn gu crìoch. Airson naidheachd as ùr sam bith, clàraichibh airson liosta postaidh EHEN an seo.