Thigibh a rannsachadh an taisbeanadh eadar-ghnìomach ùr, spòrsail againn mu dheidhinn fear de na h-eòin as teairce a th’ againn an Alba. Cuidichibh Àidseant Dìomhair an Traoin gus faighinn a-mach carson a tha na traoin fuaimneach, dìomhair, a’ dol a-mach à bith ann an Alba!
Nach tig sibh còmhla rinn airson tachartas fosglaidh an taisbeanaidh, far an cluinn sinn bhon òraidiche air aoigheachd againn, an t-Àrd-ollamh Frank Rennie, ùghdar an leabhair ‘Corncrake: An Ecology of an Enigma’. Bidh sinn cuideachd a’ comharrachadh toiseach Fèis-fiadh Bheatha nan Eilean 2023 le fosgladh taisbeanaidh fiadh-bheatha 2023. Bidh fàilte air gach duine chun an tachartais shònraichte seo, bho 2f air Diardaoin 22 Ògmhios.
Tha sinn air ar dòigh Operation: Broken Feather a thaisbeanadh. Chaidh an taisbeanadh eadar-ghnìomhach seo a stiùireadh le RSPB Alba mar phàirt de phròiseact Corncrake Calling, le taic bho Mhaoin Dualchas a’ Channchur Nàiseanta.
Chaidh a cho-dhealbhachadh le SF+SH, cuide ri oileanaich bho Àrd-sgoil Lochgelly, Acadamaidh Ghlaschu, Àrd-sgoil Shiorrachd Bhearaig, Àrd-sgoil Castlehead, Acadamaidh Naomh Èosaph agus Acadamaidh Bhainbh.
’S e pròiseact ùr fad 4 bliadhna a th’ ann an Corncrake Calling, le taic bho Mhaoin Dualchas a’ Channchur Nàiseanta, airson na creutairean beaga buidhe-donn seo, bhon theaghlach eòin-shnagain, a shàbhaileadh.
Mu dheidhinn Traoin
Tha ìre ghlèidhteachais an traoin fhathast cugallach. Tha Corncrake Calling riatanach airson beatha an t-seòrsa eun suaicheanta agus falachaidh seo a ghlèidheadh ann an Alba san àm ri teachd, airson fiadh-bheatha eile a dhìon agus gus cuideachadh cultar sònraichte coimhearsnachdan dùthachail na h-Alba a ghlèidheadh.
’S e eòin falachaidh a th’ anns na traoin, le guth gu math cruaidh. Nuair a ruigeas iad Alba à Afraga, bidh ceilearadh crex-crex an eòin fhireann ri chluinntinn an lùib planntrais fhada gun sguir, gus an tarraing iad companach.
Chì sibh tuilleadh mu dheidhinn pròiseact Corncrake Calling an seo.
