Leughadh de bhàrdachd, le filmichean agus dealbhan.
Thigibh còmhla rinn airson feasgair bàrdachd le Chrys Salt a tha na bàrd, sgrìobhadair agus stiùiriche theatair, is i a’ leughadh bhon obair thiamhaidh aice ann am bàrdachd agus rosg, Home Front / Front Line.
’S e obair air leth cumhachdach, pearsanta agus calma a th’ ann an Home Front / Front Line, a’ sgrùdadh cò ris a tha e coltach a bhith nad shìochantair fad-beatha agus nad mhàthair le mac a tha a’ sabaid ann an cogadh Iraq. Mar fhrith-bharail, tha e na mheòrachadh phongail, ealanta, air crìochan cànain an-aghaidh mòr-chàs.
“Tha seo na dhòigh chalma, àlainn agus uamhasach mì-shocrach air toirt air an leughadair coimhead a-rithist air tachartasan air an robh sinn eòlach bho chionn fhada, mar gu robh màthair Wilfred Owen no Edward Thomas air leabhar-latha rann a chumail aig àm a’ Chogaidh Mhòir.”
Andy Croft, Smokestack Books
Thòisich Chrys a’ cùrsa-beatha mar chleasaiche, a’ nochdadh san Repertory Theatre, West End, telebhisean agus rèidio. Tha i air còig chruinneachaidhean slàn de bhàrdachd a sgrìobhadh, ceithir chruinneachaidhean goirid, agus tha an obair aice air eadar-theangachadh ann an grunn chànain. Chaidh ceòl a chur ris an obair aice cuideachd, le iomadh sgrìobhaiche-ciùil. Tha Chrys air taisbeanaidhean a thoirt seachad air feadh Bhreatainn agus air feadh an t-saoghail, agus air iomadh duais is bursaraidh fhaighinn. Ann an 2014 choisinn i MBE airson Seirbheisean do na h-Ealain.
Bidh Chrys cuideachd a’ ruith bùth-obrach sgrìobhaidh air Dihaoine 26 Giblean, aig 10m: Make your writing speak
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
