Thigibh còmhla ri Margaret Fenton airson bùth-obrach dealbhachaidh a’ sgrùdadh fèin-phortraid. Bidh fealla-dhà againn le mar a tha sinn gar faicinn fhèin, a’ lorg dhòighean agus bheachdan inntinneach. Bidh fàilte ron h-uile duine agus chan fheum eòlas sam bith a bhith agaibh ro làimhe.
Tha a’ bhùth-obrach an-asgaidh agus bidh na stuthan air fad a bhis a dhìth oirbh gan toirt dhuibh. Bhiodh e na chuideachadh nam b’ urrainn dhuibh sgàthan beag no sgàthan na sheasamh a thoirt leibh.
Chan eil mòran aiteachan air fhàgail is mar sin bu chòir dhuibh àite a ghlèidheadh cho luath ’s as urrainn.
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
