**Chan eil an còrr tiogaidean air fhàgail air-loidhne airson an tachartais seo – dh’fhaodadh gum biodh fear no dhà air fhàgail aig an doras.**
Tha tachartas Am Mathan Hercules air tighinn bhon sgeulachd iongantach, fìor, mu mhathan donn 10 tròighean a dh’àird a chaidh a thogail ann an Alba, le pàrantan daonna. Bidh Hercules a’ suidhe aig a’ bhòrd ag ithe biadh air a’ bhruich, a’ snàmh anns an amar-snàmh agus fiù ’s a’ dol air chuairt le taisbeanadh carachd!
Ach aon latha, nuair a tha e a’ clàradh sanas ann an Uibhist, tha Hercules a’ snàmh a-mach dhan mhuir agus a’ dol a-mach à sealladh. Tha a h-uile duine a’ smaoineachadh gu bheil e air tilleadh gu bheatha fhiadhaich, ach an urrainn dha sealltainn dhaibh nach eil sin fìor?
Airson luchd-amhairc aois 6+ agus na h-inbhich aca.
Ga shealltainn ann an Talla Chàirinis air Diardaoin 12 Sultain, aig 6f, ’s urrainn dhuibh tiogaidean a glèidheadh gu h-ìosal an seo. Taghaibh fhèin a’ phrìs a tha sibh ag iarraidh pàigheadh!
Tha Am Mathan Hercules ga thoirt thugainn le Tenterhooks, le taic bho Alba Chruthachail, Manipulate agus Visible Fictions.
Booking
Bookings are no longer available for this event.
