Home > Event > An Ath-> Club Ealain

An Ath- - - typed in white on a blue and green marbled background.

An Ath-> Club Ealain

An ath— an ath rud — club ealain ùr do dhaoine òga aois 12-20 a tha ag iarraidh smaoineachadh agus cruthachadh ann an àite fosgailte, mac-meanmnach.  Bidh na seiseanan air an stiùireach le dithis luchd-ealain, Choirstaidh Iona NicArtair agus AJ Stockwell, a’ tabhann cothruim sgilean agus modhan ealain ùra ionnsachadh.

Bidh An Ath- a’ cruinneachadh airson a’ chiad turas airson dà latha, 22 + 23 Dàmhair, ann an Taigh Chearsabhagh.  Chan fheum eòlas sam bith a bhith agaibh air dèanamh ealain agus bidh na stuthan uile gan toirt seachad dhuibh, agus biadh is deochan.  Bidh Choirstaidh agus AJ a’ cleachdadh an cuid Gàidhlig, faodaidh sibhse cuideachd ma thogras sibh!

Nach tig sibh ann, thoiribh leibh caraid, agus rannsaich na rudan anns a bheil ùidh is iarrtas agaibh, tro bhith a’ dèanamh an ath rud!

Feumaidh tu àite a ghlèidheadh aig a’ chluba gus am bi fios againn gu bheil thu a’ tighinn. Faodaidh tu fhèin taghadh ge brith dè phrìs a tha thu a’ smaoineachadh a tha freagarrach dhut fhèin.  Tha airgead againn airson bursaraidhean airson cosgaisean siubhail, agus tha sin fosgailte do dhuine sam bith a tha na fheum.  Nam biodh sin na chuideachadh dhut, no ma tha thu feumach air cuideachadh airson lioft fhaighinn, cuir postd gu susannah@taigh-chearsabhagh.org 

Ma tha feumalachdan sam bith agad airson faighinn a-steach dhan togalach, no aileirdsidh no feumalachdan bìdh sam bith, no rud sam bith eile a dh’fheumas fios a bhith aig an sgioba, cuir postd gu susannah@taigh-chearsabhagh.org 

Le taing shònraichte do dh’Fhèisean nan Gàidheal agus Maoin Oighreachd a’ Chrùin airson an taic aca.