Home > Event > Coinneamh bhliadhnail Urras Thaigh Chearsabhaigh + sgrìneadh FAODAIL

Photo of brightly coloured notes taped to a board, with words of feedback written on them in black marker pen.

Coinneamh bhliadhnail Urras Thaigh Chearsabhaigh + sgrìneadh FAODAIL

Bidh fàilte romhaibh aig Coinneamh Bhliadhnail Urras Thaigh Chearsabhaigh, le sgrìneadh shònraichte air chlàraidhean bho thasglann pròiseact film FAODAIL Innse Gall.  Mar a chaidh a shealltainn aig Fèis Film Eadar-nàiseanta Innse Gall bho chionn ghoirid, an lùib a’ chruinneachaidh chì sibh filmichean a chaidh an clàradh ann an Hiort, tiulipean gam fàs ann am Paibil, raon-laighe Buidheann-adhair Northern & Scottish ann an Solas, eun flamingo air locha ann am Barabhas, Taigh-òsta Loch nam Madadh anns na 1930an, agus tòrr a bharrachd.

An dèidh am film a shealltainn, thèid lèirmheas a dhèanamh air a’ bhliadhna a chaidh seachad, agus bidh còmhradh ann le bùill dhìcheallach an Urrais againn. Bhiodh e an thoileachas mòr dhuinn cluinntinn bhon choimhearsnachd againn, agus dh’iarramaid air duine sam bith aig a bheil beachdan mu na prògramman againn, na goireasan, agus an rùn againn, tighinn agus taic a chur ris an obair ’s an leasachadh againn.

Thigibh còmhla rinn airson a’ Choinneimh Bhliadhnail againn ann an Cafaidh Taigh Chearsabhaigh air Diardaoin 24 Dàmhair, aig 7f.  Fosgailte don h-uile duine!

Tha àite air Bòrd nan Urrasairean againn airson buill ùra an-dràsta.  Bhiomaid toilichte cluinntinn bho dhuine sam bith aig am biodh ùidh cuir ri ar lèirsinn is leasachadh mar ionad ealain is cultar ann an Innse Gall.  Tadhalaibh air duilleag Chothroman air an làrach-lìn againn airson tuilleadh fiosrachaidh.