Home > Event > Feasgar Bàrdachd an Dàmhair: Foghar

Feasgar Bàrdachd an Dàmhair: Foghar

Tha an cloc air a dhol air ais, agus aig feasgar bàrdachd na mìos seo bidh sinn a’ coimhead air atharrachadh an t-seusan.  Nach tig sibh còmhla rinn air Diardaoin sa tighinn, 31 Dàmhair aig 7.30f, airson feasgair shocair de bhàrdachd air cuspair Foghar.  Faodaidh sibh togail air a sin ann an diofar dhòighean: an t-seusan, àm beatha, dathan, no ge brith dè tha foghar a’ toirt gur n-inntinn.

Bidh fàilte bhlàth ron h-uile duine aig na feasgaran bàrdachd againn. Faodaidh sibh dàn a thoirt leibh ri leughadh, no thigibh a dh’èisteachd ri càch a’ leughadh a’ bhàrdachd as fhèarr leothasan.

Bidh deochan is grèimean-bidhe rim fhaighinn.  ’S urrainn dhuibh tabhartas-airgid a thoirt seachad aig an doras.

Bidh sinn a’ foillseachadh a’ phrògraim thachartasan againn airson Seachdain Leabhraichean na h-Alba a dh’aithghearr.  Tha foghar làn litreachas romhainn!

 

Còir-deilbhe: Yasmin Davidson