Taisbeanadh ealain lèirsinneach air a bhrosnachadh le ùine air a chur seachad sa Ghraonlainn
Thòisich e le beachd bho Mary Walters, neach-ealain stèidhichte ann an Dùn Èideann, a tha air a bhith fortanach gu leòr ùine a chur seachad ann an Longyearbyen, Svalbard, o chionn ghoirid. Le eòlas ann an geòlas agus eòlas-geomorphach, ’s ann ann an clò-bhualadh as motha a tha i ag obair a-nis, agus i barrachd is barrachd air a brosnachadh le deigh nan rìoghachdan mu thuath.
Fhad ’s a bha i ann an Svalbard, thachair i ris an neach-ealain Elizabeth Bourne, agus neach-ealain is filmeadair Adam Sébire, agus còmhla chruthaich iad Aithrisean Eigh-shruthail: Aithris bhon Artaig a chaidh a shealltainn ann an Taigh Chearsabhagh airson COP26 ann an 2021-22. B’ e ‘Sgàineadh san Deigh’ an darna taisbeanadh, air a leasachadh airson Fèis Saidheans Dhùn Èideann ann an 2023.
’S e ‘A’ Chaibideil Ghraonlannach’ seo an treas taisbeanadh aca còmhla, air a shealltainn an toiseach ann an Ilulissat, Graonnlann agus is e a-nis air ruighinn Taigh Chearsabhagh.
‘S urrainn dhuibh leabhran Glacial Narratives: art for climate change a cheannach sa bhùth ann an Taigh Chearsabhagh, no tron bhùth air-loidhne againn.
’S i neach-ealain lèirsinneach Albannach a th’ ann an Mary Walters, agus ’s i a riochdaich an t-sreath thaisbeanaidhean seo. Tha a h-obair air a ghluasad le na cuairtean rannsachaidh a chur i seachad ann an Svalbard agus sa Graonlann, far an robh i air a beò-glacadh le stuth deigh. Airson an taisbeanadh seo, tha i air sreat pìosan clò-bhualaidh agus dealbhan a leasachadh, agus pìosan crochte air an dèanamh le gearradair leusair aig Àite-obrach Clò-bhualaidh Dhùn Èideann.
’S i peantair is dealbhadair Ameiriganach a th’ ann an Elizabeth Bourne, is i an-dràsta a’ fuireach ann an Svalbard. Tha buaidh nan tursan aice dhan Ghraonlann air a glacadh san obair cyanotype aice, ann am meud mòr agus beag, a thuilleadh air na dealbhan aice air am peantadh.
’S e neach-ealain bhideo a th’ ann an Adam Sébire, à Astràlia ach a tha a’ fuireadh ann an ceann a tuath Nirribhidh. Tha an obair bhideo iomadh-sgrìn aig Adam air a thoirt gu Uummaannaq grunn thursan, far an do rinn e rannsachadh agus eòlas a chur air deigh ann an iomadh cruth.
’S urrainn dhuibh barrachd a leughadh mu cho-obrachadh eigh-shruthail an luchd-ealain an seo: Glacial Narratives Art
Tha ‘Aithrisean Eigh-shruthail: A’ Chaibideil Ghraonlannach’ ri fhaicinn an-asgaidh, ann an Gailearaidh 1 + 2 bho 9 Samhain 2024 – 25 Faoilleach 2025, Diluain gu Disathairne, 10m-4f. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
Còir-deilbhe: Mary Walters.

