Home > Event > UistFilm: A Sudden Glimpse to Deeper Things

Film poster showing a portrait of a woman, with the title A Sudden Glimpse to Deeper Things, typed in yellow.

UistFilm: A Sudden Glimpse to Deeper Things

Ann an Talla Chàirinis air Dihaoine 6 Dùbhlachd, tha UistFilm a’ sealltainn: A Sudden Glimpse to Deeper Things.  

Le Tilda Swinton a’ cur a guth ris a’ pheantair Albannach, Wilhelmina Barns-Graham, tha am film-aithriseach seo ag innse na sgeoil aig neach-ealain iongantach, air a beò-glacadh.

Aon latha ann an 1949, shreap neach-ealain òg eigh-shruth san Eilbheis.  Rinn seo atharrachadh air a h-eanchainn agus thug e cruth-atharrachadh air a cuid ealain.  Bha Barns-Graham synaesthetic – a’ cur litrichean, ainmean agus daoine ri dathan sònraichte – agus tha stiùiriche an fhilm, Mark Cousins a’ sgrùdadh an niùro-iomadachd aice agus mar a thug an eigh-shruth cruth air an sealladh a bh’ aice-se air an t-saoghal.

Rugadh is thogadh Barns-Graham ann an Cill Rìmhinn agus b’ ise tè de bhuidheann luchd-ealain ùr-nòsach St Ives, a bha a’ fuireach sa bhaile Còrnach bho àm an Dàrna Cogaidh. B’ e am peantadh eigh-shruthan, air a bhrosnachadh leis an ùine a chur i seachad san Eilbheis, a thug air adhart an cùrsa-beatha ealain aice.  Le bogadh na beatha agus na cuid ealain, tha am film a’ rannsachadh cuspairean leithid gnè, niùro-iomadachd, atharrachadh na gnàth-shìde, agus nàdar cruthachaidh, bho aois òigridh gu seann aois.

Le taic bho Urras Wilhelmina Barns-Graham, tha am film a’ rùraich tro na tasglainn aice, leabhraichean-notaichean phrìobhaideach agus leabhraichean-latha bhon dreuchd a bh’ aice fad 65 bliadhna. Fichead bliadhna an dèidh dhith bàsachadh ann an 2004, tha am film a’ tabhann ath-mheasadh chudromach air beatha agus obair Barnes-Graham, agus an t-àite a bh’ aice ann an ealain na 20mh linn.

Thigibh còmhla rinn ann an Talla Chàirinis air Dihaoine 6 Dùbhlachd airson A Sudden Glimpse to Deeper Things.  Bidh an doras a’ fosgladh aig 6.30f, airson tòiseachadh aig 7f.

Glèidhibh na tiogaidean agaibh tron t-siostam Pàigh na Thogras Tu, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh.  Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dheilbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.

Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo.

Tha filmichean UistFilm a’ faighinn taic bho Film Hub Scotland agus Institiùid Fhilm Bhreatainn.