Home > Event > Feasgar bàrdachd le Meg Bateman

Photo of Meg Bateman, seated, against a purple backdrop.

Feasgar bàrdachd le Meg Bateman

Tha sinn air ar dòigh fàilte chridheil a chur air Meg Bateman air ais a Thaigh Chearsabhagh airson a’ chiad uair bho chaidh Crùn a’ Bhàird a bhuileachadh oirre an-uiridh. Nach tig sibh còmhla rinn air Diardaoin 27 Gearran, aig 7.30f, airson èisteachd ri Meg a’ leughadh bho na cruinneachaidhean bàrdachd aice sa Ghàidhlig agus sa Bheurla?

Rugadh Meg Bateman ann an Dùn Èideann. Tha i na h-Ollamh ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig, na h-òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach, far a bheil i a’ teagasg litreachas agus feallsanachd tro mheadhan na Gàidhlig. Dh’ionnsaich i Gàidhlig i fhèin, ann an Uibhist a Deas agus aig Oilthigh Obar Dheathain, far an robh i a’ teagasg iomadh bhliadhna.

Tha a’ bhàrdachd aig Meg a’ nochdadh ann am mòran cho-chruinneachaidhean, leithid ‘Penguin Book of Scottish Verse’ agus ‘Penguin Book of Poetry from Britain and Ireland since 1945’. Tha i cuideachd air eadar-theangachadh agus air co-dheasachadh a dhèanamh air co-chruinneachaidhean dhàin Ghàidhlig meadhan-aoiseil, 17mh linn agus cràbhach. Nochd na cruinneachaidhean aice fhèin,  ‘Aotromachd’ agus ‘Soirbheas’, air am foillseachadh le Polygon, air a’ gheàrr-liosta airson Leabhar Albannach na Bliadhna ann an 1997 agus 2007. Chaidh an cruinneachadh as ùire aice, ‘Transparencies’, fhoillseachadh le Polygon ann an 2013.

Bidh Meg cuideachd a’ stiùireadh bùth-obrach sgrìobhaidh air Dihaoine 28 Gearran, bho 10.30m – 12.30f. Tha tiogaidean an-asgaidh ach chan eil mòran àiteachan ann agus feumar an glèidheadh ron àm.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Còir-deilbhe: UHI