Home > Event > Bùth-obrach sgrìobhaidh le Meg Bateman – LÀN

Photo of Meg Bateman, seated, against a purple backdrop.

Bùth-obrach sgrìobhaidh le Meg Bateman – LÀN

**Tha am bùth-obrach seo a-nis làn. Cuiribh postd gu taigh@taigh-chearsabhagh.org nam bu toigh leibh ur n-ainm a chur air liosta feitheimh, air eagal ’s gum bi àiteachan a bharrachd ann fhathast.**

Tha sinn toilichte cothrom sònraichte a thabhann obrachadh cuide ri Meg Bateman, bàrd agus Ollamh, aig bùth-obrach sgrìobhaidh ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 28 Gearran, 10.30m-12.30f.

Tha Meg deònach taic a thoirt do luchd-sgrìobhaidh a tha ag iarraidh sgrìobhadh sa Ghàidhlig a bharrachd air sa Bheurla.  Tha seo an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine ach chan eil mòran àiteachan ann agus bu chòir dhuibh tiogaid a ghlèidheadh cho luath ’s as urrainn, gu h-ìosal.

Rugadh Meg Bateman ann an Dùn Èideann. Tha i na h-Ollamh ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig, na h-òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach, far a bheil i a’ teagasg litreachas agus feallsanachd tro mheadhan na Gàidhlig. Dh’ionnsaich i Gàidhlig i fhèin, ann an Uibhist a Deas agus aig Oilthigh Obar Dheathain, far an robh i a’ teagasg iomadh bhliadhna.

Tha a’ bhàrdachd aig Meg a’ nochdadh ann am mòran cho-chruinneachaidhean, leithid ‘Penguin Book of Scottish Verse’ agus ‘Penguin Book of Poetry from Britain and Ireland since 1945’. Tha i cuideachd air eadar-theangachadh agus air co-dheasachadh a dhèanamh air co-chruinneachaidhean dhàin Ghàidhlig meadhan-aoiseil, 17mh linn agus cràbhach. Nochd na cruinneachaidhean aice fhèin,  ‘Aotromachd’ agus ‘Soirbheas’, air am foillseachadh le Polygon, air a’ gheàrr-liosta airson Leabhar Albannach na Bliadhna ann an 1997 agus 2007. Chaidh an cruinneachadh as ùire aice, ‘Transparencies’, fhoillseachadh le Polygon ann an 2013.

Bidh Meg cuideachd a’ leughadh aig an fheasgar bàrdachd againn air Diardaoin 27 Gearran aig 7.30f.  Chan fheum sibh tiogaid a ghlèidheadh, thigibh ann airson feasgar laghach de bhàrdachd ann an Gàidhlig agus Beurla.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Còir-deilbhe: UHI