Home > Event > Adhar Bhàlaigh: taisbeanadh dealbhadaireachd

Dusky pink and purple island landscape view, photography by M Leather.

Adhar Bhàlaigh: taisbeanadh dealbhadaireachd

“Coimhead suas air an adhar. Tha solas ann, bòidhchead shuas an sin, nach suath faileas an” JR Tolkien

Tha an farsaingeachd mhòr air tràigh Bhàlaigh agus Bhàlaigh fhèin nam bunait airson solas, dathan is dràma cha mhòr a h-uile uair dhen latha (agus dhen oidhche). Tha an taisbeanadh seo ag amas air solas agus maise an adhair a nochdadh, agus a dhraoidheachd a tha air fighe ann am muir is tràighean Bhàlaigh.

Tha an cruinneachadh òirdheirc seo bho Michael Leather, neach-ealain stèidhichte ann an Uibhist, ga thaisbeanadh ann an Gailearaidh a’ Chafaidh ann an Taigh Chearsabhagh bho Dhiluain 10 Màrt.

“Bha mi riamh a’ tarraing dhealbhan, bhon Kodak Brownie a bh’ agam air iasad nam dheugaire òg, chun an Olympus OM35 earbsach agam agus camaran eile bhon uair sin; cruthan-tìre, adhar, uisge agus sneachd. Tha an t-slighe ioma-dhealbh sin air clàradh còrr is 17000 dealbh (cuid dhiubh dìreach dealbhan mì-riaghailteach) air Uibhist agus an t-sreath eileanan; tha dealbhadaireachd air an eilean sònraichte, agus ’s e mo dhòchas-sa gum bi an taisbeanadh seo a’ cur soillse air an fharsaingeachd agus doimhneachd dhathan is sinn ann an cunnart gun a bhith toirt an aire air.” Michael Leather. 

Chì sibh barrachd dhen obair aig Michael air Instagram aig: @leather.michael

Chì sibh Adhar Bhàlaigh an-asgaidh ann an Gailearaidh a’ Chafaidh, Diluain gu Disathairne 10m – 4f, bho Dhiluain 10 Màrt gu 26 Giblean. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.