Home > Event > *Cinn-là ùr* An ath –> Club ealain

An Ath- - - typed in white on a blue and green marbled background.

*Cinn-là ùr* An ath –> Club ealain

*Tha cinn-là ùr againn airson An ath— a thèid a chumail a-nis air 18 + 19 Giblean. ‘S urrainn dhut tiogaid a ghlèidheadh gu h-ìosal.*

An ath— an ath rud — club ealain ùr do dhaoine òga aois 12-20 a tha ag iarraidh smaoineachadh agus cruthachadh ann an àite fosgailte, mac-meanmnach.  Bidh na seiseanan air an stiùireach le neach-ealain Tessa Monk, a’ tabhann cothruim sgilean agus modhan ealain ùra ionnsachadh tro chruth-ealain.

Seo an treasamh turas a bhios An Ath- a’ cruinneachadh airson dà latha, 18 + 19 Giblean, ann an Taigh Chearsabhagh.  Chan fheum eòlas sam bith a bhith agaibh air dèanamh ealain agus bidh na stuthan uile gan toirt seachad dhuibh, agus biadh is deochan.  

Nach tig sibh ann, thoiribh leibh caraid, agus rannsaich na rudan anns a bheil ùidh is iarrtas agaibh, tro bhith a’ dèanamh an ath rud!

Feumaidh tu àite a ghlèidheadh aig a’ chluba gus am bi fios againn gu bheil thu a’ tighinn. Faodaidh tu fhèin taghadh ge brith dè phrìs a tha thu a’ smaoineachadh a tha freagarrach dhut fhèin. Tha airgead againn airson bursaraidhean airson cosgaisean siubhail, agus tha sin fosgailte do dhuine sam bith a tha na fheum. Tha sinn air taic-airgid a chosg air tacsaidhean do chom-pàirtichean roimhe, far an robh feum air, agus tha dùil gum bi tacsaidh a’ ruith à Uibhist a Deas gach là. Nam biodh sin na chuideachadh dhut, no ma tha thu feumach air cuideachadh airson lioft fhaighinn, cuir postd gu susannah@taigh-chearsabhagh.org 

Ma tha feumalachdan sam bith agad airson faighinn a-steach dhan togalach, no aileirdsidh no feumalachdan bìdh sam bith, no rud sam bith eile a dh’fheumas fios a bhith aig an sgioba, cuir postd gu susannah@taigh-chearsabhagh.org 

Le taing shònraichte do Maoin Oighreachd a’ Chrùin airson an taic aca.